Co-chomhairleachadh air sgoiltean nan Eilean Siar

  • 15 An Giblean 2014
Sgoil Dhalabroig
Image caption Thuirt a' Chomhairle gum bi foghlam tro mheadhan na Beurla fhathast anns na sgoiltean.

Dh'fhaodadh inbhe sgoiltean Gàidhlig, le aonadan Beurla, a thoirt do 10 bun-sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar.

Nì Comhairle nan Eilean Siar, mar phàirt den Phlana Gàidhlig aca, co-choimhearlachadh poblach air inbhe ùr a thoirt dha na sgoiltean ann am Baile a' Mhanaich, Beàrnaraigh, Breascleit, Bàgh a' Chaisteil, Dalabrog, an t-Iochdar, an t-Òb, An Taobh Siar, Siabost agus sgoil Sir E Scott air an Tairbeart.

Thuirt a' Chomhairle gum bi foghlam tro mheadhan na Beurla fhathast anns na sgoiltean sin.

Thuirt Cathraiche Comataidh Foghlaim na Comhairle, Catrìona Stiùbhart, gun deach aontachadh a dhol a-mach gu na coimhearsnachdan, far a bheil sgoiltean a tha a' toirt seachad foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, gus bruidhinn riutha mu dheidhinn an tionndadh gu sgoiltean Gàidhlig le aonadan Beurla.

Prìomhachas

"Tha sinn a' dèanamh seo mar phrìomhachas a th' againn anns a' Phlana Gàidhlig," thuirt i.

Thathar aig an ìre seo ag amas air 10 sgoiltean far a bheil barrachd chloinn-sgoile a' dol tro mheadhan na Gàidhlig na tha tro mheadhan na Beurla.

A thaobh phàrantan aig a bheil clann a tha a' dol tro mheadhan na Beurla, thuirt a' Bh. Stiùbhart nach eil dìmeas sam bith ga dhèanamh air luchd-bruidhinn na Beurla.

"Bidh sinn an còmhnaidh a' dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' toirt seachad foghlam tro mheadhan na Beurla, agus bidh aonadan Beurla anns na sgoiltean Gàidhlig.

"Sin mar a tha sinn a' faicinn an t-slighe air adhart dhuinne, mar Chomhairle," thuirt i.

Plana Gàidhlig

Chaidh Plana Gàidhlig na Comhairle airson an dà bhliadhna a tha romhainn aontachadh às ùr Dimàirt.

A thaobh amasan a' phlana airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar, thuirt a' Bh. Stiùbhart gu bheilear a' còmhradh ri coimhearsnachdan gus innse dhaibh mu na thathar a' feuchainn ri dhèanamh.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' toirt sgilean dhan chloinn nach eil foghlam tro aon chànan, agus tha sinn ag iarraidh sin a lìbhrigeadh a-mach gu na coimhearsnachdan," thuirt i.

Thuirt a' Bh. Stiùbhart gu bheil pàrantan, chun a seo, ag aontachadh leis a' phlana a th' aca.

Mar thoiseach-tòiseachaidh, tha a' Chomhairle ag amas air inbhe sgoiltean Gàidhlig a thoirt do 10 sgoiltean; ach nan soirbhicheadh leotha, bhithear dòchasach an àireamh sin a leudachadh.

Image caption Tha pàrantan air a dhèanamh soilleir nach eil iad ag iarraidh a' chlann a ghluasad a-mach às na coimhearsnachdan aca fhèin.

Daighneachadh

"Tha na h-àireamhan a' sealltainn gu bheil barrachd is barrachd chloinn a' dol tro mheadhan na Gàidhlig agus bhithinn a' sùileachadh gur e sin a thachradh, agus gun tachradh e ann an dòigh nàdarra.

"Chan e coimhearsnachd fuadain Gàidhlig a th' againn ann; tha Gàidhlig sna coimhearsnachdan againn gu nàdarra fhathast, agus tha sinn ag iarraidh sin a chumail agus a dhaighneachadh.

A taobh sgoil Ghàidhlig fa leth a stèidheachadh sna h-Eileanan, thuirt a' Bh. Stiùbhart gu bheil pàrantan air a dhèanamh soilleir nach eil iad ag iarraidh an cuid chloinne a ghluasad a-mach às na coimhearsnachdan aca fhèin.

"Chan eil an aon seòrsa plana a' dol a dh'obair anns a h-uile sgìre," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile