CnES a' dol an sàs ann an iomairt a' bhàta-slaodaidh

  • 15 An Giblean 2014
Bàta-slaodaidh
Image caption Chan eil bàta-slaodaidh air a bhith stèidhichte ann an Steòrnabhagh bho chionn dà bhliadhna.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar taic ri iomairt airson bàta-slaodaidh a stèidheachadh às ùr airson cobhair a dhèanamh air soithichean air a' chost an iar.

Nochd dragh aig an deireadh-sheachdain nuair a b' fheudar do bhàta-slaodaidh tighinn à Obar Dheathain gus cobhair a dhèanamh air bàta-bathair a bha gun stiùir ann an droch shìde an iar-dheas air Tiriodh.

Bha bàtaichean-teasairginn Bharraigh agus Thobar Mhoire ri fàire air an MV Wilson Gdynia fad cha-mhòr là mus do nochd am bàta-slaodaidh.

B' e seo an dàrna uair taobh a-staigh cola-deug a bha cuideachadh a dhìth bho bhàta-slaodaidh timcheall air na h-Eileanan às dèidh do bhàta Tuirceach a bhith aig muir, gun chumhachd, fad chòig làithean mu 150 mìle an iar-thuath air Leòdhas.

Chan eil bàta-slaodaidh air a bhith a' frithealadh a' Chuain Sgìth bho chionn dà bhliadhna, nuair a thàinig an cùmhnant a bh' ann gu ceann.

Cunnart

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gu bheil cho fad 's a thug e do bhàta-slaodaidh an sgìre a ruighinn, agus buaidh na droch shìde, a' sealltainn gu bheil bàta eile a dhìth.

Dh'iarr e air Riaghaltas Westminster coimhead ri suidheachadh nam bàtaichean-slaodaidh a-rithist airson an cunnart do mhàraichean agus àrainneachd a' chost an iar a lùghdachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile