Bliadhna thrang do phuirt-adhair ionadail na h-Alba

  • 14 An Giblean 2014
Port-adhair Bharraigh
B' e lùghdachadh ann an seirbheisean a bu choireach ris an ìsleachadh ann am Barraigh, Beinn na Fadhla agus Steòrnabhagh.

Cha robh an àireamh luchd-siubhail ann am puirt-adhair ionadail na h-Alba a-riamh cho àrd, a rèir na buidhne-stiùiridh Hial.

Thathas den bheachd gur e leudachadh air pròiseactan cumhachd as coireach gu ìre mhòr.

Chaidh 1,367,342 neach tro phuirt-adhair na Gàidhealatchd 's nan Eilean anns a' bhliadhna-ionmhais a dh'fhalbh; 70,000 a bharrachd air a' bhliadhna ron sin.

'S iad puirt-adhair Inbhir Ùige, Sumburgh agus Taigh Iain Ghròt a bu mhotha a chunnaic àrdachadh an-uiridh, le 32.2% a bharrachd luchd-siubhail a' tadhail air Sumburgh mar thoradh air gnìomhachas na h-ola agus a' ghas.

Bha àrdachadh de 1.3% aig Port-adhair Inbhir Nis cuideachd, le daoine a' gabhail brath air seirbheisean a tha gan ceangal ri àiteachan leithid Manchester, Gatwick agus Amsterdam.

Àrdachadh agus ìsleachadh

Le 619,000 luchd-siubhail, seo a' bhliadhna as trainge a bh' aca ann an còig bliadhna.

Chunnacas àrdachaidhean cuideachd ann an Kirkwall (suas 8.3%) agus ann an Ìle (suas 2%).

Thàinig ìsleachadh ann an àireamhan luchd-siubhail aig grunn phuirt-adhair nas lugha ge-tà, leithid Ceann Loch Chille Chiarain agus Tiriodh.

B' e lùghdachadh ann an seirbheisean a bu choireach ris an ìsleachadh ann am Barraigh, Beinn na Fadhla agus Steòrnabhagh.

Thuirt Hial, a dh'aindeoin 's gu bheil na h-àireamhan air crìonadh an seo, gu bheil na puirt-adhair deatamach do na coimhearsnachdan anns a bheil iad, agus gum bi iad a' sireadh dhòighean ùra air seirbheisean a cheangal ri na h-eileanan.