Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ugràin

Chan eil coltas sam bith ann gun do dh'fhàg luchd-gunna a tha a' taobhadh ris na Ruis togalaichean air taobh sear na h-Ugràin, mar a dh'iarr Riaghaltas na h-Ugràin orra. Thug an riaghaltas ann an Kiev gu 7.00m an-diugh dhaibh na togalaichean fhàgail. Dh'iarr Moscow air Riaghaltas na h-Ugràin gun dad a dhèanamh a dh'fhaodadh an suidheachadh a dhèanamh nas miosa.

Nigeria

Tha aithrisean ann an Nigeria gun deach mòran a mharbhadh 's an leòn ann an dà spreadhadh boma aig stèisean-bus air iomall a' phrìomh-bhaile, Abuja. Tha amharas ann gur e buidheann Islamach, Boko Haram, a thug ionnsaigh air togalach an UN ann an Abuja, ann an 2011, a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh seo cuideachd.

Abu Hamza

Tha a' chùis lagh an aghaidh Abu Hamza, an clèireach radaigeach, ri tòiseachadh ann an New York an-diugh. Chaidh Hamza, a rugadh anns an Èipheit, a chur a-mach à Breatainn gu ruige na Stàitean Aonaichte ann an 2012 agus 11 casaid airson ceannairc na aghaidh. Nam measg tha casaidean gun tug e cuideachadh do Al-Qaeda agus gun do dh'fheuch e ri campa trèanaidh do cheannaircich a stèidheachadh ann an Oregon.

Evans

Tha Nigel Evans, a bha na Leas-Labhraiche ann an Taigh nan Comantan, a' ceasnachadh am bu chòir cumhachd a bhith aig Seirbheis Chasaid a' Chrùin a dhol air ais ann an eachdraidh airson cùisean eucoir drabasta a thogail. Chaidh Mgr Evans a shaoradh an t-seachdain seo chaidh bho chasaidean gun do rinn e èigneachadh agus ionnsaighean drabasta. Tha esan ag iarraidh air Comataidh Chùisean na Dùthcha sùil a thoirt air dòighean-obrach Sheirbheis Chasaid a' Chrùin.

Mailèisia

Thèid bàta-aigeinn ròbot a chleachdadh airson a' chiad uair anns an rannsachadh airson a' phlèan à Mailèisia a chaidh a dhìth bho chionn còrr is còig seachdainean. Thèid am bàta-aigeinn gu grunn a' Chuan Ìnnseanaich, far costa an iar Astràilia. Tha oifgich den bheachd nach eil an còrr cumhachd a-niste ann am bataraidh innealan-clàraidh a' phlèan.

Cidhe

Chaidh iarraidh air daoine a bhios a' siubhal air aiseag Steòrnabhaigh air na beagan mhìosan ri tighinn a bhith foighidneach agus obair mhòr a' tòiseachadh air a' chidhe mus tig am bàt'-aiseag ùr, an Loch Seaforth. Tha an obair a' ciallachadh, am measg rudan eile, nach bi uimhir de dh'àite ann airson càraichean aig a' chidhe.