Tagradh às ùr mu bhàtaichean-slaodaidh

  • 14 An Giblean 2014
Bàta-teasairginn Image copyright PA
Image caption Ged a bha bàtaichean-teasairginn Thobair Mhoire agus Bharraigh a' cumail sùil air an long, thàinig orra feitheamh airson là mus tàinig bàta-slaodaidh.

Thuirt ball nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Briannan MacNèill, a-rithist gum bu chòir bàta-slaodaidh a bhith stèidhichte làn-ùine san sgìre.

Nochd am Ball-Pàrlamaid dragh às ùr an dèidh mar a b' fheudar do bhàta-slaodaidh tighinn à Obar Dheathain gus cobhair a dhèanamh air bàta-bathair a bha gun stiùir ann an droch shìde an iar dheas air Tiriodh.

Ged a bha bàtaichean-teasairginn Thobair Mhoire agus Bharraigh a' cumail sùil air an long, thàinig orra feitheamh airson là mus tàinig bàta-slaodaidh à Obar Dheathain.

Thuirt Mgr MacNèill gu bheil thìde aig Westminster sùil a thoirt air a' chùis a-rithist, gu h-àraidh leis gur e seo an dàrna turas taobh a-staigh cola-deug a b' fheudar long a thoirt gu sàbhailteachd le bàta-slaodaidh anns an sgìre.

Nochd e dragh o chionn beagan is seachdain às dèidh do bhàta-bathair Tuirceach a bhith gun chumhachd aig muir fad còig làithean, mu 150 mìle an iar-thuath air Leòdhas.

Thuirt e nach biodh dìon sam bith air a bhith ann nam biodh càil air a dhol ceàrr le soitheach air an robh luchd nas cunnartaiche.

Chaidh bàta-slaodaidh nam Maor-cladaich a thoirt air falbh à Steòrnabhagh bho chionn dà bhliadhna, agus tè a-nis ann an Arcaibh a-mhàin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile