Foighidinn a dhìth thar mìosan an t-samhraidh

An MV Isle of Lewis aig cidhe 3 Tòisichidh an MV Loch Seaforth air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul anns an t-Sultain.

Sgeulachdan co-cheangailte

Chaidh iarraidh air daoine a bhios a' siubhal air aiseag Steòrnabhaigh thar nam beagan mhìosan a tha romhainn a bhith foighidneach agus obair mhòr a' tòiseachadh aig a' chidhe air thoiseach air an aiseag ùr.

Cha bhith uimhir de dh'àiteachan parcaidh do chàraichean aig a' chidhe fhad 's a tha an obair a' dol.

Tòisichidh an MV Loch Seaforth air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul anns an t-Sultain.

Anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, tha dà chidhe air a bhith gan cleachdadh le aiseagan Steòrnabhaigh.

Tha an MV Isle of Lewis stèidhichte aig cidhe 3 agus, san ùine fhada, bidh an Loch Seaforth cuideachd a' cleachdadh cidhe 3.

Obair-leasachaidh

Start Quote

Tha trioblaidean gu bhith ann, 's tha daoine gu bhith do-riaraichte, ach 's e ùine ghoirid a th' ann agus tha sinn ag iarraidh gum bi daoine foighidneach.”

End Quote An Comh. Iain MacAoidh Comhairle nan Eilean Siar

Thèid leudachadh a dhèanamh air a' chidhe sin gus am bi e freagarrach airson an aiseig ùir.

Am measg na h-obrach, feumar an cidhe a neartachadh agus goireas ùr a thogail dhan luchd-siubhail.

Nithear cuideachd rùm do charbadan-bathair, a bhios a' dol air an Loch Seaforth cuide ri luchd-siubhail eile, seach air bàta-bathair fa-leth.

Airson sin a dhèanamh feumar barrachd rùm, agus thathas a' dol a chur ris a' chidhe a th' ann le a bhith a' lionadh pàirt den chala aig ceann Newton den làraich.

Feumaidh an obair cuideachd freagairt air bàtaichean luchd-turais, is dùil ri barrachd dhiubh sin ann an Steòrnabhagh am bliadhna na bh' ann a-riamh roimhe.

Parcadh

Fhad 's a tha an obair seo ga dèanamh, dh'innis Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, gum bi an Isle of Lewis a' seòladh a-mach 's a-steach à cidhe 1, far an robh i uaireigin.

Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil e coltach gun adhbharaich seo trioblaidean parcaidh ann am meadhan a' bhaile.

Tha àiteachan parcaidh dha 90 carbad an-dràsta mu thimcheall a' chidhe, ach leis gum feumar rùm a dhèanamh do thrafaig an Isle of Lewis, thèid sin a chall.

Thuirt e gum feum carbadan a tha an-dràsta air am parcadh aig cidhe 1 a bhith air an toirt air falbh ro 6.00f air Dihaoine an 18mh là den Ghiblean, agus obair ri dhèanamh air a' chidhe sin cuideachd.

Fuasgladh

Thuirt e gu bheil a' Chomhairle ag obrachadh còmhla ri Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, agus a' chompanaidh a tha a' dèanamh na h-obrach, BAM Nuttall, gus fuasglaidhean a lorg.

Cidhe 1 Feumaidh carbadan a tha an-dràsta air am parcadh aig cidhe 1 a bhith air an toirt air falbh ro 6.00f air Dihaoine an 18mh là den Ghiblean.

Thathas cuideachd a' cumail chòmhraidhean le na poilis agus na maoir-trafaig gus feuchainn ri àiteachan parcaidh eile a lorg.

"Tha trioblaidean gu bhith ann, 's tha daoine gu bhith do-riaraichte, ach 's e ùine ghoirid a th' ann agus tha sinn ag iarraidh gum bi daoine foighidneach," thuirt Mgr MacAoidh.

Thuirt e gum bi an obair a' dol airson co-dhiù trì no ceithir mhìosan, ach gu bheilear cinnteach gum bi an cidhe deiseil ron 8mh là den t-Sultain, nuair a thòisicheas an MV Loch Seaforth.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gum bi càil ann a chuireas dragh air na seòlaidhean. 'S e parcadh as motha an trioblaid a th' againne," thuirt e.

"Tha àiteachan ann airson parcadh, ach chan eil àiteachan ann am meadhan a' bhaile.

"Tha e gu bhith gu math duilich, agus 's ann nas miosa a bhios e a' dol mar a bhios an samhradh a' dol air adhart," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.