Sgrùdadh ga iarraidh mu charbadan-eiridinn an Òbain

  • 11 An Giblean 2014
Baidse Sheirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba
Thàinig brath èiginn an dèidh do bhoireannach, aois 46, fàs bochd ann an taigh air Rathad MhicCuaig.

Chaidh sgrùdadh iarraidh air seirbheis charbad-eiridinn an Òbain, 's e air tighinn am follais gum b' fheudar dhan phoileas agus luchd-smàlaidh a dhol a dh'ionnsaigh neach a bh' ann an èiginn.

Thàinig brath èiginn an dèidh do bhoireannach, aois 46, fàs bochd ann an taigh air Rathad MhicCuaig.

Ach, cha robh fear seach fear de charabadan-eiridinn a' bhaile ri fhaotainn airson a dhol a dh'ionnsaigh a' bhoireannaich.

Bha aon charbad air an t-slighe air ais à Glaschu agus an dàrna fear a' freagairt gairm èiginn eile sa bhaile.

Thuirt Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba gu bheil iad a' cumail sùil fad an h-ùine air an iarratas airson na seirbheis aca, agus gu bheil e gu math neo-àbhaisteach nach robh gin de na carbadan-eiridinn rim faotainn.