Dragh mu sheirbheis dhotair Inbhir Aora

  • 11 An Giblean 2014
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dragh mu sheirbheis dhotair Inbhir Aora

Tha Inbhir Aora air a bhith às aonais seirbheis dhotair-teaghlaich làn-thìde agus air a bhith a' crochadh air seirbheisean locum airson dà bhliadhna.

An dèidh sanas a sgaoileadh airson dotair ùr, thug NHS na Gàidhealtachd an cùmhnant do dh'Ionad Slàinte Cheann Loch Gilp.

Leis nach d' fhuair iadsan dotair a dh'obraicheadh còmhla riutha, dh'fhàillig orra an cùmhnant a choileanadh agus bha aca ri leigeil seachad.

Chaidh a shanasachd às ùr agus a-rithist b' e Ceann Loch Gilp a bha soirbheachail.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Inbhir Aora draghail nach bi an t-seirbheis dhotair a bhios ri fhaotainn taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach freagarrach do mhuinntir a' bhaile.

Roghainn eile

Tha coltas ann gun do chuir Ionad Dotair ann an Srath Chura cuideachd tairsge a-steach airson a' chùmhnant agus tha a' Chomhairle Coimhearsnachd den bheachd gur dòcha gun robh iadsan ann an suidheachadh na b' fheàrr airson Ionad Dhotair aca a ruith.

Thuirt cathraiche na Comhairle, Iain MacAsgaill: "Bha iadsan a' toirt seachad dotair a bhiodh anns a' bhaile taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach.

"An fheadhainn ann an Ceann Loch Gilp, cha robh iadsan a' toirt seachad dotair a bhiodh anns an àite idir, bha iad a' dol a dhèanamh na cùise le NHS 24," thuirt e.

Leis an sin, nam biodh feum aig aig duine air dotair, bhiodh aca ri 25 mìle a shiubhail a Cheann Loch Gilp - suidheachadh nach freagradh air mòran san sgìre.

Thuirt Mgr MacAsgaill gu bheilear air sgrìobhadh gu NHS na Gàidhealtachd, ag iarraidh barrachd mhìneachaidh air na co-dhùnaidhean aca.

Tha NHS na Gàidhealtachd air aontachadh coinneachadh ris a' Chomhairle Choimhearsnachd gus bruidhinn mun chùis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile