Nicola Sturgeon a' cur ìmpidh air luchd-taic nan Làbarach

  • 11 An Giblean 2014
Ailig Salmond agus Nicola Sturgeon
Tha an SNP a' creidsinn gu bheil iad a' dèanamh adhartas anns na cunntasan bheachd 's gu bheil daoine a' tighinn thucasan mean air mhean.

Iarraidh an Leas-Phrìomh Mhinistear air luchd-taic nan Làbarach bhòtadh airson neo-eisimeileachd na h-Alba mar dhòigh air smachd fhaighinn air a' phàrtaidh a-rithist.

Bidh Nicola Sturgeon a' bruidhinn air a' chiad là de cho-labhairt an SNP an Obar Dheathain.

'S e seo an turas mu dheireadh a bhios Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba cruinn-còmhla ron là as motha nan eachdraidh.

A rèir nan cunntasan bheachd, airson a' chùis a dhèanamh ann an referendum an t-Sultain air neo-eisimeileachd, feumaidh iad toirt air co-dhiù cuid de luchd-taic nan Làbarach bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

Dihaoine, bruidhnidh an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, ris an luchd-bhòtaidh sin.

Ath-bheothachadh

Canaidh i nach bu chòir do luchd-taic nan Làbarach bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd gus stad a chur air an SNP, ach gum faodadh bhòt airson neo-eisimeileachd am Pàrtaidh Làbarach ath-bheothachadh tro bhith ga shaoradh bho smachd Westminister.

Foillsichidh i cuideachd £1m a bharrachd gus taic a thoirt do bhancaichean-bidhe.

Tha buill an SNP a' cruinneachadh ann an Obar Dheathain airson na co-labhairt as cudromaiche ann an eachdraidh 80 bliadhna a' phàrtaidh, a rèir cheannardan a' phàrtaidh.

Tha còig mìosan ri dhol mus bhòt muintir na h-Alba anns an referendum air neo-eisimeileachd.

Faisg

Tha an SNP a-nis ag amas air daoine a tha 's dòcha nan "luchd-taic nàdarrach" don Phàrtaidh Làbarach.

Thèid innse do bhuill nach robh bhòt airson an leithid riamh cho faisg.

Cha biodh an SNP le mòr-chuid anns a' Phàrlamaid Albannaich às aonais taic bho co-dhiù cuid de dhaoine a th' air a bhith bhòtadh airson nan Làbarach thar nam bliadhnaichean.

Tha iad a-nis ag iarraidh orra sin bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

Ach chan ann a-mhàin air na daoine a bhòt airson an SNP ann an 2011 a tha iad ag amas, no fiù 's na daoine a bhòt airson nan Làbarach; tha iad a-nis ag amas air daoine a tha 's dòcha nan "luchd-taic nàdarrach" don Phàrtaidh Làbarach, ach nach eil air a bhith a' bhòtadh idir anns na beagan thaghaidhean a dh'fhalbh.

Bancaichean-bidhe

Tha an iomairt YES Scotland cuideachd air a bhith trang ann an cuid de na sgìrean as bochda, a' feuchainn ri taic fhaighinn bhuapasan airson neo-eisimeileachd.

A thuilleadh air an sin, cluinnear Dihaoine mu £1m a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba airson bancaichean-bidhe, 's an SNP airson sin a chleachdadh mar fhianais gu bheil neo-eisimeileachd gu bhith na rud math airson nan daoine as bochda - daoine a b' àbhaist a bhith a' cur taic ris na Làbaraich.

Tha buill a' Phàrtaidh den bheachd gu bheil cothrom aca, cothrom 's dòcha nach till fad ginealaich.

Tha iad a' creidsinn gu bheil iad a' dèanamh adhartas anns na cunntasan bheachd 's gu bheil daoine a' tighinn thucasan mean air mhean, agus gum bi cothrom aca air a' cheann thall a' chùis a dhèanamh.