Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachdan air Certas

10 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dòchas ann gu bheil fuasgladh air fàire a thaobh margaidh a' chonnaidh anns na h-Eileanan an Iar.

Thàinig riochdairean bho Ùghdarras nam Margaidhean is na Farpais gu Steòrnabhagh an t-seachdain seo is iad a' sireadh bheachdan air rannsachadh mun ghnothach.

Tha a' chompanaidh Certas - a bha fo rannsachadh - air geallaidhean a chur air adhart feuch an sgrùdadh sin a thoirt gu ceann.

Cha robh luchd-iomairt uile cinnteach ge-tà an robh iad a' dol fada gu leòr.