Fàrmasaidh ga dhiùltadh an Gallaibh

  • 9 An Giblean 2014
Baile a' Chaisteil Image copyright colin smith/geograph
Image caption Bha mòran san sgìre a' cur an aghaidh a' phlana.

Chaidh plana airson fàrmasaidh fhosgladh ann an Gallaibh a dhiùltadh.

Bha a' chompanaidh Apple Pharmacy Group, a tha stèidhichte an Glaschu, airson bùth ùr fhosgladh ann am Baile a' Chaisteil, ach dhiùlt Comataidh Farmasaidhean NHS na Gàidhealtachd an t-iarrtas aca.

Bha dragh ann gun cuireadh fàrmasaidh seirbheisean dotaireachd na sgìre ann an cunnart, leis gum bi dotairean an dà chuid a' ro-sgìobhadh agus a' toirt seachad chungaidhean-lèighis do dh'euslaintich san sgìre, agus gu bheil am bith-beò a' crochadh air an dà sheirbheis.

Thuirt am fear a bha os cionn an iarrtais, Sanjay Mahju, nach robh a' bhùth air a bhith na chunnart sam bith do na dotairean-teaghlaich.

Bha e ag iarraidh a' bhùth fhosgaladh ann an seann bhùth èisg is tiops air Sràid MhicAoidh sa bhaile.

Bha mòran sa choimhearsnachd a' cur an aghaidh a' phlana ge-tà.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh aig Comataidh nam Fàrmasidhean co-dhùnadh co-dhiù bha a' bhùth a dhìth, no air iarraidh, san sgìre.

Thuirt labhraiche gun robh co-chomhairleachaidhean poblach a rinn an tagraiche agus Bòrd na Slàinte air nochdadh nach robh taic ann idir do dh'fhàrmasaidh san sgìre.

"Fhad 's a thathas ag aithneachadh nach eil seirbheisean fàrmasaidh idir anns an sgìre, chaidh aontachadh, seach gun gabh na seirbheisean sin fhaighinn gu furasta ann an Inbhir Theòrsa, nach robh an tagraiche air a bhith soirbheachail ann a bhith a' dearbhadh nach robh seirbheisean fàrmasaidh na sgìre math gu leòr."

Bhòt a' chomataidh gu h-aon-ghuthach an aghaidh an iarrtais.