Tuilleadh chumhachdan a dhìth air Uibhist

MV Hebrides Tha beachd ann gum bu chòir guth nas làidire a bhith aig coimhearsnachdan mar Uibhist ann am buidhnean leithid Chal Mac

Chuala coinneamh ann an Uibhist a Tuath gu bheil feum air cumhachdan a bharrachd do choimhearsnachdan leithid Uibhist aig àrd-ìre ann am buidhnean mar Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar is Caledonian Mac a' Bhriuthainn.

Tha comhairle coimhearsnachd an àite den bheachd nach eil guth na sgìre làidir gu leòr an-dràsta.

Tha iad an dòchas gun tig na cumhachdan à bile Sgaoilidh Chumhachd nan Coimhearsnachdan, a tha an-dràsta a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba.

"Chan eil duine idir às Uibhist air a' Bhòrd-Shlàinte agus tha sinn a' smaoineachadh gu bheil sin gu math cudromach," thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Uisdean Robasdan.

Faireachdainn

"Bha còmhradh fada againn mu dheidhinn sheirbheisean slàinte ann an Uibhist agus 's e am faireachdainn a th' ann nach eil e idir idir ceart nach eil duine às an sgìre seo fhèin air a' Bhòrd-Shlainte 'son na draghan sin a bheir dhan Bhòrd-Shlàinte," thuirt e.

Dh'iarr Mgr Robasdan cuideachd gum biodh am Bòrd-Slàinte a' coinneachadh ann an Uibhist aig amannan, is e ag ràdh nach eil sin air tachairt bho chionn bhliadhnaichean.

Thuirt e gur e guth nas làidire do dhaoine air buidhnean poblach aon dòigh air dèanamh cinnteach gun tig feum à bile Sgaoilidh Chumhachd nan Coimhearsnachdan.

Còir

"Tha sinne a' faicinn gur e seo aon rud air a bheil còir againn, buill air leithid Bòrd-Slàinte nan Eilean is Cal Mac, buidhnean mar sin.

"Tha sinn a' coimhead gum biodh barrachd chumhachd aig Uibhist fhein, ma thig am bile seo, gum faigheamhaid air dèiligeadh ri cuspairean às Uibhist ann an Uibhist fhèin".

Chuala a' choinneamh cuideachd gu bheil muinntir Uibhist a Tuath gu mòr airson 's gum bi am bàta am MV Hebrides aca a-rithist air an ath-Gheamhradh.

Thuirt Mr Robasdan gur e bàta air leth a th' innte a sheòl tric ann an droch shìde is gun dèan na daoine "iomairt mhòr" 'son a cumail air an t-slighe.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.