Deugaire air bàsachadh san Òban

  • 9 An Giblean 2014

Tha poilis anns an Òban a' rannsachadh mar a chaochail balach aois 17 sa bhaile gu h-obann.

Fhuair oifigearan brath èiginn bho thaigh ann an Scalpay Terrace sa bhaile trath madainn Dimàirt.

Thuirt iad gu bheil iad air rannsachadh a thòiseachadh is nach eil adhbhar aca fhathast dhan bhàs.

Thèid rannsachadh bàis a dhèanamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile