Geallaidhean eile gan sireadh bho Certas

  • 9 An Giblean 2014
Connadh
Rinn an OFT rannsachadh air margaidh a' chonnaidh anns na h-Eileanan an Iar.

Dh'iarr luchd-iomairt geallaidhean a bharrachd bhon chompanaidh Certas gus prìsean-connaidh nas cothromaiche a stèidheachadh 's na h-Eileanan an Iar.

Chuir a' bhuidheann Ùghdarras nam Margaidhean is na Farpais - a tha air a dhol an àite Oifis na Malairt Cothromaich - coinneamh air dòigh ann an Steòrnabhagh oidhche Mhàirt gus an gnothach a dheasbad.

Bha iad a' sireadh bheachdan air rannsachadh a rinn Oifis na Malairt Cothromaich air margaidh a' chonnaidh anns na h-Eileanan an Iar is feadhainn air fàgail air a' chompanaidh Certas gun robh grèim aca a bha mì-chothromach air cùisean.

Tha Certas fhèin air tighinn air adhart le molaidhean ann an oidhirp an gnothach a thoirt gu ceann is tha Ùghdarras nam Margaidhean is na Farpais a' moladh gun tèid gabhail riutha.

Dh'fhàgadh sin nach biodh an tuilleadh rannsachaidh ann mu dhol a-mach na companaidh.

Tha a' chompanaidh deònach na h-ionadan connaidh aca ann an Steòrnabhagh agus an Loch a' Chàrnain fosgladh do chompanaidhean eile a tha ag iarraidh farpais riutha.

Bhiodh ionad Steòrnabhaigh fosgailte gu deireadh 2017 agus ionad Loch a' Chàrnain gu 2019.

Cothrom

Dh'innis iad cuideachd gu bheil iad deònach na cùmhnantan a th' aca le luchd-reic connaidh anns na h-Eileanan a thoirt gu ceann gus cothrom a thoirt dhaibh cùmhnantan eile a lorg, no connadh a cheannach bhuapa àm sam bith a thogradh iad seach a bhith ceangailte ri cùmhnant.

Chuir luchd-iomairt aig a' choinneimh fàilte air na geallaidhean sin, ach bha cuid den bheachd nach eil iad a' dol fada gu leòr, gu h-àraidh a thaobh cho fad 's a bhios na h-ionadan connaidh fosgailte gu companaidhean eile.

"An aon rud a th'agam an aghaidh nan geallaidhean, 's e nach eil iad a' dol a sheasamh glè fhada", thuirt Gòrdan MacIllinneinn, aig a bheil stèisean connaidh air a' Bhac.

Bhrist Mgr MacIllinneinn air falbh bhon chùmhnant aige leis a' chompanaidh roimhe.

"Chan eil iad a' toirt dhuinn ach trì bliadhna. Tha mi a' smaoineachadh gum biodh e tòrr na b'fheàrr nam biodh e tòrr na b'fhaide na sin, 's dòcha seachd no deich bliadhnaichean.

"Às dèidh 2017 mar a tha an rud air a sgrìobhadh, faodaidh Certas diùltadh duine sam bith a dhol a-steach dhan depot aca bhon là sin.

"Tha sinne a' faighinn a' chonnaidh bho Highland Fuels. Ma thèid iadsan a dhiùltadh bhon là sin, càite a bheil an connadh?", thuirt e.

Ceistean

Bha ceistean cuideachd aig Calum Iain Mac a' Mhaolain bhon bhuidhinn-strì Fair Fuel Solutions.

"Cha do rinn ath-chuingean mòran feum dhuinn. 'B ann nuair a thòisich cuid a' sràcadh nan cùmhnatan às a chèile a thòisich gnothaichean atharrachadh.

"Tha an gnothach air atharrachadh a-nise, is chan eil sinn airson is gum faigh aon chompanaidh làmh an uachdair air a' mhargaidh às ùr.

"S e a dhìth oirrn bhon Ùghdarras ùr seo ach fuasgladh maireannach do bhuannachd muinntir nan Eilean Siar", thuirt e.

Thuirt Ùghdarras nam Margaidhean is na Farpais fhèin gu bheil iad dòchasach gun gabh aonta a ruighinn.

"Tha e ann an làmhan Certas geallaidhean a chur air adhart gu Ùghdarras nam Margaidhean is na Farpais", thuirt Seumas MacBheatha bhon Ùghdarras.

"Às dèidh dhuinn meòrachadh air na chuala sinn aig a' choinneimh seo ge-tà, bidh sinne a' toirt nam beachdan gu Certas agus ag iarraidh orra beachdachadh orra.

"Tha mise gu math fhèin dòchasach, dòigh air choireigin, gum faigh sinn fuasgladh an seo a shàsaicheas a h-uile duine", thuirt e.

Thig co-choimhearlachadh phoblach air a' ghnothach gu ceann air an 17mh den mhìos le dùil le co-dhùnadh bhon Ùghdarras anns an t-Samhradh.