Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neo-eisimeileachd

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gu bheil i air a h-uabhasachadh le briathran seann Àrd-Rùnaire NATO, am Morair Robasdan. Thuirt am Morair ann an òraid ann an Washington an-raoir, gur e tubaist eagallach do dhùthchannan an taobh siar a bhiodh ann an neo-eisimeileachd do dh'Alba aig àm nuair a tha cùisean eadar-nàiseanta cho cugallach. Thuirt Nicola Sturgeon gu bheil beachdan den t-seòrsa sin a' dèanamh dìmeas air an deasbad mu neo-eisimeileachd.

Ceann-suidhe na h-Èireann

Tha Uachtarán na hÉireann, Micheal D. Higgins, aig toiseach turas ceithir là dhan Rìoghachd Aonaichte - a' chiad turas riamh a thàinig ceannard stàite na h-Èireann air turas oifigeil a Bhreatainn. Coinnichidh e ris a' Bhàn-righ, agus bruidhnidh e ri Taigh nan Cumantan, agus ri Taigh nam Morairean. Tha Leas-Phrìomh Mhinistear Èireann a Tuath, Màrtainn MacAonghais, còmhla ris air a thuras.

An Ugràin

Thug an Ruis rabhadh dhan Ugràin stad de dh'ullachadh an airm ann an ceann a deas agus air taobh sear na dùthcha, oir gum faodadh cogadh sìobhalta tòiseachadh às. Thàinig an rabhadh an dèidh dhan Ugràin 70 de luchd-iomairt air taobh na Ruis a chur an grèim an dèidh dhaibhsan smachd a ghabhail air togalach le Riaghaltas na h-Ugràin. Tha an Ugràin a' fàgail air an Ruis gu bheil iad a' piobrachadh na h-àimhreit air taobh sear na dùthcha.

Bomadh an Ómaigh

Chuir Poilis ann an Èirinn a Tuath duine an grèim co-cheangailte ri ionnsaigh boma an Ómaigh ann an 1998. Chaidh 29 duine a mharbhadh ann an ionnsaigh an Real IRA. Chaidh an duine a chur an grèim anns an Iubhair ann an Co. an Dùin.

Siostam nan Cosgaisean Pàrlamaideach

Chuir Mèar Lunnainn, Boris Johnston, a thaic ri atharrachadh ann an siostam nan cosgaisean Pàrlamaid. Thuirt e gu bheil an àimhreit mu Rùnaire a' Chultair, Maria Miller, a' dearbhadh gum feum siostam neo-eisimeileach a bhith ann, gun ghnothach sam bith aig Buill-Phàrlamaid ris.

Ceangal-rathad an Iar Inbhir Nis

Tha oifigich Chomhairle na Gàidhealtachd a' moladh cead do cheangal-rathad an iar air Inbhir Nis nuair a thèid e gu Comataidh Dealbhachaidh na Comhairle an-diugh. Tha dùil a-nise gur e beagan agus £34m a chosgas an rathad ùr. Tha ceudan dhaoine air cur an aghaidh a' phlana.