18 eòin-chreachaidh mharbh a-nise

  • 8 An Giblean 2014
Dead red kite
Chaidh na h-eòin air fad a lorg faisg air Drochaid Sguideil.

Chaidh dearbhadh gu bheil an àireamh de dh'eòin-chreachaidh a chaidh fhaighinn marbh air taobh sear Rois a-nise air èirigh gu 18.

Chaidh closaichean 5 clamhain agus 13 clamhain-ghobhlach a lorg faisg air Drochaid Sguideil.

Fhuaireadh na closaichean uile faisg air a chèile timcheall air Bràigh Chonainn, Alcaig is Lianaig.

Sheall sgrùdadh gun deach grunnan dhiubh a phuinnseanachadh.

Tha Poilis na h-Alba ag obair còmhla ris an RSPB agus an SSPCA gus an gnothach a rannsachadh.

Tha duais airgid ann do dhuine sam bith le fiosrachadh mun chùis.