Margaidh chonnaidh fon phrosbaig

  • 8 An Giblean 2014
Tancair connaidh
Image caption Bha an OFT a' coimhead ri margaidh a' chonnaidh anns na h-Eileanan an Iar.

Gheibh daoine anns na h-Eileanan an Iar cothrom oidhche Mhàirt am beachdan a thoirt air molaidhean airson farpais a bharrachd a bhrosnachadh ann am margaidh chonnaidh na sgìre.

Bha dol-a-mach na prìomh companaidh connaidh anns na h-Eileanan, Certas, ga rannsachadh le Oifis na Malairt Cothromaich.

Bha cuid air fàgail air Certas, no GB Oils mar a bh' orra bho thùs, gun robh grèim a bha mì-chothromach aca air stòradh agus lìbhrigeadh connaidh anns na h-Eileanan.

Air a' cheann thall, thàinig Certas fhèin air adhart le molaidhean ann an oidhirp an gnothach a thoirt gu ceann.

Farpais

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad deònach na h-ionadan connaidh aca ann an Steòrnabhagh agus an Loch a' Chàrnain fosgladh do chompanaidhean eile a tha ag iarraidh farpais riutha.

Bhiodh ionad Steòrnabhaigh fosgailte gu deireadh 2017 agus ionad Loch a' Chàrnain gu 2019.

Dh'innis iad cuideachd gu bheil iad deònach na cùmhnantan a th' aca le luchd-reic connaidh anns na h-Eileanan a thoirt gu ceann gus cothrom a thoirt dhaibh cùmhnantan eile a lorg, no gum faodadh na compaidhean connadh a cheannach bhuapa àm sam bith a thogradh iad seach a bhith ceangailte ri cùmhnant.

Tha a' bhuidheann a tha a-nis air a dhol an àite Oifis na Malairt Cothromaich, Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean, ag iarraidh bheachdan air na molaidhean.

Moladh

Tha an t-Ùghdarras a' moladh gun tèid gabhal ris na tha Certas a' cur air adhart.

Dh'fhàgadh sin nach biodh an tuilleadh rannsachaidh ann mun chùis.

Tha Gòrdan MacIllinneinn, aig a bheil stèisean connaidh air a' Bhac, am measg na tha air ceistean a thogail mun sin.

Bhrist Mgr MacIllinneinn roimhe air falbh bhon chùmhnant aige leis a' chompanaidh.

Dol-a-mach

Thuirt e gun robh e an dùil is an dòchas gun dèanadh an t-Ùghdarras rannsachadh air dol-a-mach Certas bho chionn bhliadhnaichean nuair a bha prìs a' chonnaidh anns na h-Eileanan an Iar pìos math nas motha na Tìr Mòr.

Ged a chuir e fàilte air gealltanas Certas na h-ionadan aca fhosgladh 'son beagan bhliadhnaichean, thog e ceist dè thachras nuair a thig sin gu ceann ann an 2017 is 2019.

Bidh riochdairean bho Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean an làthair aig coinneimh phoblaich aig Comhairle nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh aig 6:00f oidhche Mhàirt.

Dùinidh co-chomhairleachadh poblach air a' ghnothach air an 17mh den mhìos is thig co-dhùnadh bhon Ùghdarras sa Chèitean no san Òg-Mhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile