Uan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Àm breith nan uan ann an Nis

8 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhaodadh gu bheil greis ann a-nis bho dh'atharraich na ràithean gu h-oifigeil, ach ann am beachd mhòran, chan eil an Earrach a' tòiseachadh gu ceart gu àm breith nan uan.

Leis cho fliuch 's a bha a' Gheamhradh sna h-Eileanan agus air a' chost an iar, tha dragh air a bhith ann mun bhuaidh a bhios aige sin air uain na bliadhna.

Chaidh Domhnall MacLaomainn gu Nis ann an Leòdhas a dh'fhaicinn dè mar a bha a' dol dhaibh.