Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mailèisia

Thog bàta bho chabhlachd Àstràilia siognal a tha coltach ris an t-seòrsa rud ris am biodh dùil bho innealan-clàraidh a' phlèan à Mailèisia a chaidh a dhìth bho chionn mìos. Tha an rannsachadh stèidhte a-nis air pàirt den Chuan Innseanach mu 1000 mìle an iar-thuath air Peairt. Thuirt an t-ùghdarras Àstràilianach, a tha os cionn na cùise, gu bheil iad gu math nas dòchasaiche a-nis na bha iad bho chionn ùine, ach gum faodadh làithean a bhith ann fhathast mus fhaigh iad dearbhadh air dad.

Ugràin

Tha aithrisean ann gun do dhùin poilis pàirtean de bhaile Luhansk anns an Ugràin an dèidh do luchd-iomairt, a th' air taobh na Ruis, briseadh a-staigh do thogalaichean sheirbheis tèarainteachd na stàit. Tha Ceann-suidhe eadar-amail na Ugràin air coinneimh èiginn a ghairm le ceannardan tèarainteachd agus aimhreit ann am bailtean air taobh sear na dùthcha, faisg air crìochan na Ruis. Tha an Ugràin ag ràdh gur e Moscow a tha a' piobrachadh na h-aimhreit sin.

Cable

Thèid Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, a thoirt mu choinneimh Comataidh Thaghte a' Ghnothachais a-rithist aig deireadh na mìos seo, a fhreagairt tuilleadh cheistean mun dòigh anns an deach Am Posta Rìoghail a reic ris an roinn phrìobhaidich. Tha gearanan ann gun do reic an Riaghaltas Am Posta Rìoghail air sùim gu math nas lugha na bu chòir dhaibh.

Pistorius

Tha an sgioba dìon a' dèanamh na h-argamaid aca ann an cùis-lagha Oscar Pistorius, a tha fo chasaid gun do mhurt e a leannan. Tha an lùth-chleasaiche, à Afraga a Deas, ag ràdh gur ann le mearachadh a loisg e air Reeva Steenkamp. Tha dùil gun seas Mgr Pistorius mu choinneimh na cùirte ann am Pretoria airson a' chiad uair an-diugh.

Bàta-slaodaidh

Thuirt ball nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Briannan MacNèill, gum feum sùil às ùr a thoirt air bàta-slaodaidh a thilleadh dhan chost an iar. Thàinig a' cheist am follais a-rithist air an deireadh-sheachdain, le bàta-bathair Tuirceach a bha fad còig là gun chumhachd mus do rinn bàta-slaodaidh cobhair orra an-dè, mu 150 mìle an iar-thuath air Leòdhas.

Còdan-puist

Thuirt Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, gum bi còdan-puist dhan cleachdadh fhathast mar dhearbhadh air dè na sgìrean a bhios airidh air cìs connaidh nas lugha, ach thuirt e gum feum atharrachadh a thoirt air an t-siostam a th' ann. Thuirt Mgr Alexander gur dòcha nach bi e soirbh an cead sin fhaighinn bhon Choimisean Eòrpach, ach gun lean iad orra leis an tagradh a rinn iad.