Fear à Earra-Ghàidheal saor air urras

  • 7 An Giblean 2014
Billy Irving
Image caption Bha Mgr Irving am measg sianar Bhreatannach a bh' air a bhith an grèim bhon Dàmhair an-uiridh.

Chaidh gàirdeachas a dhèanamh ann an Earra-Ghàidheal leis gun deach Billy Irving às a' Chonghail a shaoradh air urras à prìosan anns na h-Ìnnseachan.

Bha Mgr Irving am measg sianar Bhreatannach a bh' air a bhith an grèim bhon Dàmhair an-uiridh, fo amharas gun robh armachd aca gu mì-laghail air bòrd soithich.

Chaidh còignear dhiubh a shaoradh air urras Disathairne; Billy Irving, a tha 33 bliadhna de dh'aois, nam measg.

Chaidh Paul Towers, à Siorrachd Iorc, agus an sgiobair Ugràinianach a chumail an grèim.

Seaman Guard Ohio

Bha an sianar Bhreatannach air a bhith ag obair air bàta armaichte, an Seaman Guard Ohio, nuair a chaidh an criutha air fad a chur an grèim ann an iar-dheas nan Innseachan.

Image copyright AP
Image caption Bha an sianar Bhreatannach air a bhith ag obair air bàta armaichte, an Seaman Guard Ohio.

Bhathas air a bhith an sàs ann an iomairtean an aghaidh spùinneadairean anns a' Chuan Innseanach.

San Dàmhair an-uiridh, chaidh an cur an grèim le na h-ùghdarrasan an sin agus iad fo amharas gun robh gunnaichean agus armachd eile aca air bòrd an t-soitheach.

Bha na poilis cuideachd a' dèanamh a-mach gun robh iad air a bhith ag obair ann an uisgeachan Innseanach, rud nach bu chòir dhaibh a dhèanamh.

Saor

A-nis, tha cùirt anns an dùthaich air co-dhùnadh còignear dhiubh a shaoradh: Billy Irving, 33, às a' Chonghail an Earra-Ghàidheal, John Armstrong, à Wigton an Cumbria, Nick Dunn, 28, à Ashington an Northumberland, Ray Tindall, 38, à Chester, agus Nicholas Simpson, à Cottingham an Siorrachd Iorc.

Feumaidh na fireannaich fuireach anns na h-Innseachan gus an tèid na casaidean a tha nan aghaidh a' leigeil seachad.

Thuirt teaghlach Mhgr Irving gun robh iad air an dòigh glan leis an naidheachd, agus tha a leannan Yvonne air a slighe dhan dùthaich.