Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fort Hood

Chuir saighdear aig a' ghearasdan as motha anns na Stàitean Aonaichte, Fort Hood ann an Texas, làmh na bheatha fhèin an dèidh dha triùir shaighdearan eile a mharbhadh agus 16 duine a leòn nuair a loisg e orra le gunna. Bha an duine, a' rinn seirbheis ann an Iorag, air a bhith a' fulang le trom-inntinn.

Weir

Thuirt a' chompanaidh mhòr einnseanairidh à Glaschu, Weir, gum biodh cosgais de £500m sa bhliadhna air companaidhean agus muinntir na h-Alba le neo-eisimeileachd, mura biodh aonadh-airgid ann. Dh'fhoillsich Weir am freagairt do Phàipear Geal Riaghaltas na h-Alba, 's iad ag ràdh gu bheil mì-chinnt ann mu mhòran de bhuaidh neo-eisimeileachd, ach gum faodadh Alba soirbheachadh leatha fhèin.

RBS

Dùinidh Banca Rìoghail na h-Alba 44 den 2000 meur a th' aca air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha RBS ag ràdh gu bheil daoine a' dèanamh nas lugha feum de bhancaichean na h-àrd-shràidean agus gum feum iad atharrachadh mu choinneimh sin. Tha aonaidhean ciùird agus buidhnean luchd-cleachdaidh am measg na tha ag ràdh gun dèan sin cron air na coimhearsnachdan.

Sgoiltean

Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh air a h-uile ùghdarras ionadail rannsachadh a dhèanamh air staid togalaichean nan sgoiltean aca, an dèidh bàs nighean-sgoile ann an Dùn Èideann a' bhòn-dè, nuair a thuit ball oirre. Tha feadhainn de na comhairlean air sgrùdadh air na sgoiltean òrdachadh an dèidh na thachair aig Àrd-sgoil Liberton, agus thuirt ùghdarrasan ionadail eile gu bheil staid nan togalaichean sgoile aca dearbhte mar bu chòir.

Na Hearadh

Fhuair Urras Taobh Siar na Hearadh còrr is £1m bhon Chrannchur Nàiseanta airson ionad coimhearsnachd ùr ann an Horgabost anns am bi talla, café, oifisean agus goireasan eile. Thuirt Cathraiche an Urrais, Murchadh MacAoidh, gum bi an leasachadh cudromach airson daoine a chumail san sgìre agus daoine a thàladh às ùr ann.

Coilltearachd

Thèid innse do cho-labhairt ann an Inbhir Nis an-diugh gum faodadh 1000 cosnadh ùr a bhith ann an obair na coille air a' Ghàidhealtachd air an ath dheich bliadhna. Tha luchd-gnothaich a tha an sàs ann an gnìomhachas na coille a' deasbad mar as fheàrr a ghabhas sgilean-obrach a' leasachadh agus an t-iarrtas airson fiodh as fhìor fhàs.

An Rubha

Chaidh còrr is 60 dachaigh anns an Rubha ann an Leòdhas fhàgail gun seirbheis an uisge sa mhadainn an-diugh. Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil iad duilich mu dheidhinn, ach gun d' fhuair iad a' phìob bhriste faisg air Suardail agus gu bheil iad ga càradh an-dràsta.