Taic ga thoirt do mholaidhean ChnES

Thuirt Fear-gairm na Comhairle gun robh faireachdainn làidir sna coimhearsnachdan gur dòcha gun robh cus bhall ann.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh riaghailtean nas sùbailte air an àireamh chomhairlichean a dh'fheumas gach sgìre a riochdachadh.

Feumaidh triùir no ceathrar a bhith anns gach uard comhairle an-dràsta.

Choinnich a' Chomhairle ri Coimisean nan Crìochan Diciadain, 's iad ag aontachadh gum bu chòir an àireamh chomhairlichean anns na h-Eileanan a lùghdachadh.

Thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gun do rinnear còmhradh ri Coimisean nan Crìochan mu an amasan a thaobh a bhith a' lùghdachadh an àireamh de chomhairlichean tarsainn Alba air fad, 's mun bhuaidh a bhiodh aig an sin sna h-Eileanan an Iar.

Ciallach agus cothromach

Thuirt e gu bheilear a' smaoineachadh gur dòcha gum biodh e ciallach agus cothromach àireamh nam ball a ghearradh gu 28, sìos bhon 31 bhall a th' ann an-dràsta.

"Bha sinne a' meas gur dòcha gum b' urrainn dhuinn an àireamh a thoirt sìos gu 26 no 27, agus chan eil eadar-dhealachadh mòr sam bith an sin," thuirt am Fear-gairm.

Thuirt e gu bheil a' Chomhairle, bho chionn dhà no trì bhliadhnaichean air ais, air beachdan fhaighinn bhon choimhearsnachd.

Thuirt e gun robh faireachdainn làidir sna coimhearsnachdan gur dòcha gun robh cus bhall ann, agus gum faodadh na h-Eileanan a bhith air an riochdachadh le nas lugha de bhuill.

Atharrachaidhean

Start Quote

Ged nach eil co-dùnaidhean sam bith air a bhith ann, no fiù 's molaidhean sam bith air càite am biodh an àireamh sin air a thoirt air falbh, bhathas a' gabhail ris gu bheil feadhainn de na sgìrean taghaidh fada ro mhòr.”

End Quote Tormod Dòmhnallach Comhairle nan Eilean Siar

A thaobh atharrachaidhean sònraichte, thuirt e gur e an rud as cudromaiche dhaibhsan, a bharrachd air na h-àireamhan, 's e càite a bheil na crìochan gu bhith eadar na sgìrean taghaidh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil suidheachaidhean ann nach eil ro fhreagarrach, mar eisimpleir, Ceann a Deas nan Loch a bhith air a cheangal gu math dlùth ris Na Hearadh," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Thuirt e nach eil daoine a' meas gur e sin an dòigh as fheàrr air sin a dhèanamh.

Thuirt am Fear-gairm cuideachd gun iarraidh a' Chomhairle, nam biodh e comasach, an àite sgìrean taghaidh le triùir is ceathrar bhall a bhith ann, gum biodh e comasach atharrachadh a dhèanamh a thaobh 's dòcha dithis bhall a bhith ann an sgìre taghaidh agus 's dòcha còignear ann an sgìrean taghaidh eile.

Thuirt e gum biodh e an urra ri Riaghaltas na h-Alba, seach Coimisean nan Crìochan, an lagh sin atharrachadh.

Conaltradh

A thaobh cò na sgìrean a chailleadh buill chomhairle, thuirt Mgr Dòmhnallach: "Ged nach eil co-dùnaidhean sam bith air a bhith ann, no fiù 's molaidhean sam bith air càite am biodh an àireamh sin air a thoirt air falbh, bhathas a' gabhail ris gu bheil feadhainn de na sgìrean taghaidh fada ro mhòr agus gur dòcha gu bheil e comasach sgìrean taghaidh nas lugha a riochdachadh le beagan nas lugha de bhuill."

Thuirt e gum biodh e a-nis an urra ri Coimisean nan Crìochan a thighinn an-àirde le na molaidhean acasan.

Thèid conaltradh poblach a chumail le sluagh nan eilean eadar seo agus an Lùnastal.

Thathas ag amas aig an ìre seo, gun tig co-dhùnadh deireannach bhon Choimisean anns a' Chèitean 2016.

Thuirt am Fear-gairm gum biodh sin ann an ùine gu leòr airson atharrachaidhean a dhèanamh ro thaghaidhean nan sgìrean comhairle ann an 2017.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.