Aimhreit mu thuath-gaoithe 's an MoD

  • 2 An Giblean 2014
Crann-gaoithe
Image caption Chaidh a' chùis a ghairm gu Riaghaltas na h-Alba air sgàth beachd an MoD.

Tha aimhreit air èirigh mun dòigh san do chuir Ministreachd an Dìon an aghaidh tuath-gaoithe ann an Uibhist a Tuath.

Tha comhairliche a' cumail a-mach gun do chùm an MoD fiosrachadh bho Chomhairle nan Eilean Siar nuair a bha an tuath-gaoithe a' dol tro shiostam dealbhachaidh an ùghdarrais.

Thuirt an MoD aig an àm gun dèanadh an tuath-gaoithe, aig a' Chlachan, cron air an rèidear aca.

Tha Dòmhnall Manford ag ràdh gun robh fhios aig an MoD aig an àm gun robh iad a' dol a chur rèidear ùr an sàs air nach toireadh tuathan-gaoithe buaidh sam bith.

Chaidh a' chùis a ghairm gu Riaghaltas na h-Alba air sgàth beachd an MoD.

Tha Ministreachd an Dìon a-nis air am beachd aca a tharraing air ais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile