Duine marbh às dèidh tubaist rathaid

  • 1 An Giblean 2014

Chaochail fireannach às dèidh tubaist rathaid air an A82 feasgair Dimàirt.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu droch thubaist ceithir mìle deas air a' Ghearasdan, beagan às dèidh 1.00f.

Chaidh dràibhear a' chàr a dhroch leòn agus chaochail e goirid às dèidh na tubaist.

Tha na poilis a' sgrùdadh na cùise agus dh'iarr iad air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh brath a chur thuca air an àireamh-fon 101.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile