Ceum mòr a dh'ionnsaigh Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis

  • 31 Am Màrt 2014
Kerry Nic a' Phì Image copyright Other
Image caption B' ann mun àm seo an-uiridh a dh'fheuch Kerry air rèis baidhsagal beinne airson a' chiad uair.

Ghabh an lùth-chleasaiche Uibhisteach, Kerry Nic a' Phì, ceum mòr a dh'ionnsaigh àite fhaighinn aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis as t-Samhradh.

Shoirbhich leatha air an deireadh-sheachdain uair dearbhaidh a ghleidheadh airson sgioba baidhsagal beinne na h-Alba.

Tha sin a' fàgail gu bheil dìreach aon uair eile aig Kerry ri choileanadh airson àite fhaighinn san sgioba.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, dh'innis Kerry mu cho toilichte 's a bha i nuair a shoirbhich leatha: "Tha mi cho, cho toilichte. An-dràsta tha mi a' faireachdainn gu math sgìth ge-tà," thuirt i.

Cha robh an rèis gun dhuilgheadasan; thàinig toll san taidhr aice agus b' fheudar dhi leth chuairt a dhèanamh le taidhr bog.

Ceumannan mòra

Rinn i suas an uair ge-tà agus shoirbhich leatha aig a' cheann thall.

B' ann mun àm seo an-uiridh a dh'fheuch Kerry air rèis baidhsagal beinne airson a' chiad uair, agus goirid an dèidh sin fhuair i "elite licence".

Mar sin, tha i uair ceumannan mòra a ghabhail san spòrs ann an ùine gu math goirid.

Airson faighinn dhan sgioba, feumaidh Kerry an uair dearbhaidh a choileanadh a-rithist.

Bidh cothrom aice sin fheuchainn ann am Poblachd na Seic ann an dhà no trì sheachdainean, no bidh farpais anns a' Chòrn aig toiseach a' Chèitein - 's ann an sin a gheibh Kerry an cothrom mu dheireadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile