UHI a' cur Àrd-Ollamh Rannsachaidh na Gàidhlig an dreuchd

  • 28 Am Màrt 2014
An t-Oll Conchúr Ó Giollagáin Image copyright UHI
Image caption Tha cliù eadar-nàiseanta aig an Oll Ó Giollagáin a thaobh planadh cànain agus cultar mhion-chànanan agus sòiseòlas.

Thathas air eòlaiche air mion-chànanan a chur an dreuchd mar Àrd-Ollamh Rannsachaidh na Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus Eilean.

Bidh an Oll Conchúr Ó Giollagáin cuideachd na stiùiriche air Soillse, Lìonradh Nàiseanta Rannsachaidh airson Glèidheadh agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig.

Tha cliù eadar-nàiseanta aig an Oll Ó Giollagáin a thaobh planadh cànain agus cultar mhion-chànanan agus sòiseòlas.

Tha e air mòran a sgrìobhadh mu chùisean a thaobh seasmhachd mhion-chànanan, gu sònraichte coimhearsnachd Gàidhealtachd na h-Èireann.

Dreuchdan

Leis gu bheil e an-dràsta na rannsaiche aig Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann ann an Gaillimh, tòisichidh an t-Oll. Ó Giollagáin anns na dreuchdan ùra aige aig toiseach a' Ghiblein.

Mar stiùiriche na pròiseict Soillse, cuidichidh e gus rannsachadh a cho-òrdanachadh agus a leudachadh ann an roinnean a tha deatamach airson fàs na Gàidhlig anns na caochladh shuidheachaidhean sòisealta agus bunaiteach aice, a' gabhail a-steach a' Ghàidhlig a thoirt don ath-ghinealach, cleachdadh agus poileasaidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus measadh phoileasaidhean an Riaghaltais air ath-bheothachadh a' chànain.

Bidh e os cionn sgioba rannsachaidh eadar-nàiseanta anns am bi ceathrar co-eòlaichean rannsachaidh, òraidiche agus deichnear oileanach PhD, a tha stèidhte aig ionadan com-pàirteach air feadh Alba, a' gabhail a-steach Colaisde a' Chaisteil UHI, agus aig Oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann agus Ghlaschu.

Bidh an t-Oll. Ó Giollagáin air a shuidheachadh aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, a tha na phàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus na Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig.

Spionnadh

Thuirt an t-Àrd-Oll. Ian Bryden, leas-phrionnsapal (rannsachaidh) aig an oilthigh: "Tha sinn glè thoilichte fàilte a chur air sgoilear eadar-nàiseanta cho cliùiteach. Tha Conchúr a' tighinn don oilthigh, Sabhal Mòr Ostaig UHI agus Soillse aig àm brosnachail agus is e buannachd mhòr a bhios anns an eòlas agus spionnadh aige do rannsachadh, sgoilearachd agus cultar na Gàidhlig."

Thuirt an t-Àrd-Oll. Boyd Robasdan, prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig UHI: "Tha sinn air leth toilichte gum bi an t-Àrd-Oll. Ó Giollagáin a' tilleadh don cholaiste an dèidh dha trì mìosan a chur seachad an seo as t-Samhradh air sgeama caidreachais Comann Rìoghail Dhùn Èideann. Tha an t-èolas agus na sgilean aige sgioba rannsachaidh Shoillse a stiùireadh agus cuiridh e ris a' chultar rannsachaidh a tha a' leasachadh aig an t-Sabhal Mhòr.

Bha an t-Oll. Ó Giollagáin roimhe na òraidiche aig sgoil an t-saidheans phoilitigich agus soiseòlais aig Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann ann an Gaillimh air soiseòlas cànain. Am measg nan ùidhean rannsachaidh agus teagaisg aige tha planadh cànain, sòiseo-cànanachas agus daonn-eòlas cànanach.

Bha e cuideachd na cheannard air aonad planadh cànain an oilthigh ann an Acadamh na hOllscolaíochta Gaeilge, far an do chruthaich agus stiùir e a' chiad phrògram MA ann an Èirinn air planadh cànain, a' cur ri leasachadh an MA ann an saidheansan cànain aig an Acadamh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile