Taic airson tuilleadh chòmhraidhean leis a' Cho-op

  • 28 Am Màrt 2014
Bùth air air Tairbeart Image copyright Dave Fergusson/Georgraph
Image caption Tha an Co-op a' rannsachadh co-dhiù am biodh làrach fhreagarrach ri fhaighinn anns na Hearadh.

Nochd muinntir Cheann a Tuath na Hearadh taic airson tuilleadh chòmhraidhean leis a' Cho-op mu phlanaichean a th' aca airson bùth ùr a thogail air an Tairbeart.

Chaidh am baileat a chumail às dèidh do dhraghan nochdadh mun bhuaidh a bhiodh aig an seo air a' choimhearsnachd.

Bhòt ceathrar às gach còignear aig an robh cead-bhòtaidh, le còir is dà thrian dhiubh airson tuilleadh chòmhraidhean a dhèanamh ris a' Cho-op.

Thuirt Cathraiche Urras Ceann a Tuath na Hearadh, Calum MacAoidh, gur bheil iad riaraichte gu bheil fios aca a-nis dè dìreach a tha a' choimhearsnachd a' sùileachadh bhuapsan.

Dearbhadh

"Bha uallach air cuid de dhaoine mu dheidhinn na buaidhe a dh'fhaodadh a bhith aig a' Cho-op, nan tigeadh iad.

"Ach le dhol a-mach chun na coimhearsnachd mar seo, tha dearbhadh againn gu bheil a' choimhearsnachd airson 's gun tèid tuilleadh chòmhraidhean a chumail ris a' Cho-op," thuirt Mgr MacAoidh.

Le ochdnar a-mach às gach deichnear (79%) a' gabhail pàirt anns a' bhòt, thuirt Ceannard an Urrais: "Àireamhan uabhasach àrd a tha sin, a' gabhail pàirt ann am bhòt sam bith."

Bhòt 439 airson tuilleadh chòmhraidhean agus 180 na aghaidh.

Bhruidhinn a' Cho-op ris an Urras an toiseach aig deireadh na bliadhna an-uiridh, ach thuirt Mgr MacAoidh gun robh cùisean aig ìre gu math tràth fhathast agus gur ann a tha an Co-op a' rannsachadh co-dhiù am biodh làrach fhreagarrach ri fhaighinn anns na Hearadh.

Mì-chinnt

Thuirt e nach eil cinnt sam bith fhathast gun tig iad nam bitheadh làrach fhreagarrach ann.

"Nuair a thèid innse dhaibh mun taic làidir a bh' ann airson tuilleadh chòmhraidhean, tha mi gu math cinnteach gun tig iad air ais agus gun dèan iad tuilleadh bruidhinn mun chùis, a dh'fhaicinn a bheil làrach fhreagarrach ann.

"Ma tha an Co-op ag iarraidh tighinn dha na Hearadh, thig iad dha na Hearadh. Gheibh iad làrach an àiteigin.

"Ma thachras gum bi làrach fhreagarrach aig Urras Ceann a Tuath an Hearadh, faodaidh iad coimhead air an sin," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile