Comunn na Gàidhlig a' cruthachadh saoghal ùr

  • 27 Am Màrt 2014
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
A' cruthachadh saoghal ùr

Tha Comann na Gàidhlig ag obair air saoghal ùr a chruthachadh dhaibh fhèin, a rèir Àrd-Oifigear na buidhne, Dòmhnall MacNèill.

Às dèidh na naidheachd gu bheil a' chuid mhòr de luchd-obrach Chomunn na Gàidhlig a' dol a dh'obair do Bhòrd na Gàidhlig air fo-chùmhnantan, tha CnaG ag ràdh gu bheil acasan mar bhuidheann ri saoghal ùr a dhealbh dhaibh fhèin.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a' gabhail os làimh na h-obrach coimhearsnachd a bha CnaG a' dèanamh roimhe.

Thuirt Mgr MacNeill gu bheil mòran rudan eile a ghabhas dèanamh le CnaG, mar eisimpleir a bhith a' leasachadh turasachd Ghàidhlig.

Beachdan

"Tha beachd no dhà aig CnaG an-dràsta, rudan anns am faodadh sinn a bhith an sàs anns an àm ri teachd.

"Ma 's e agus gun tèid dearbhadh leinn, gu bheil na rudan a tha seo seasmhach, dh'fhaodadh gum biodh sinn a' tòiseachadh phròiseactan ùra air ar ceann fhèin.

"Dh'fhaodadh tu a ràdh gu bheil grunnan roghainnean no cothroman againn - rudan fad is farsaing.

"Ann an saoghal coimearsalta, 's dòcha gum b' urrainn dhuinn a bhith a' dèanamh barrachd a thaobh turasachd anns a' Ghàidhlig.

Planaichean Gàidhlig

An-dràsta, bidh am Bòrd a' cur uallach air na buidhnean poblach plana Gàidhlig a bhith aca, agus tha e an urra ris na buidhnean na planaichean a chur air dòigh.

"Dh'fhaodadh sinn a bhith a' feuchainn ri taic a chumail ri buidhnean poblach aig a bheil uallach planaichean Gàidhlig a chruthachadh," thuirt Mgr MacNèill.

Thuirt Mgr MacNèill gu bheil cothrom ann cuideachd tuilleadh obrach a dhèanamh a thaobh spòrs air a' bhlàr a-muigh, no foghlaim air a' bhlàr a-muigh, leithid Sradagan - rudan air a bheil a' chompanaidh mion-eòlach.

Ged a tha Mgr MacNèill ag aideachadh gu bheil feum air buidhinn choiteachaidh ùir a thogas fianais airson tuilleadh leasachaidh Ghàidhlig, chan eil e a' smaoineachadh gur e CnaG a' bhuidheann as freagarraiche airson na h-obrach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile