Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Companaidhean Cumhachd

Thèid rannsachadh fad dà bhliadhna a dhèanamh air na sia companaidhean cumhachd mòra. Thuirt riaghladair a' ghnìomhachais, Ofgem, gu bheil prìsean àrda agus prothaidean a' ciallachadh nach eil earbsa aig a' mhòr-shluagh anns na companaidhean. Thuirt aon chompanaidh, Centrica, dham buin British Gas, nach eil dad bunaideach ceàrr air a' mhargaidh, agus gum faodadh an rannsachadh seo stad a chur air na companaidhean bho a bhith a' cur airgid gu ruige leasachaidh.

Itealan Caillte

Thuirt Thailand gum faca saideal leis an dùthaich sin còrr is 200 pìos sprùillich ann am fìor cheann a deas a' Chuain Innseannaich, far a bheil iad a' coimhead airson a' phlèana à Mailèisia a chaidh a dhìth bho chionn faisg air trì seachdainnean. Tha droch shìde a' cur maill air an h-itealain rannsachaidh, ach tha bàtaichean fhathast anns an sgìre sin.

Jimmy Savile

Nì ùghdarrasan ionadail ann an Sasainn rannsachadh air aithrisean gun tug Jimmy Savile ionnsaighean drabasta air chloinn aig sgoiltean agus dachannan cùraim ann an Leeds, am baile dham buinneadh e, agus ann an àiteachan eile air feadh Shasainn. Tha e coltach gun tèid an rannsachadh seo air adhart an dèidh litir gun ainm rithe casaidean a thogail.

An Ugràin

Gheall an Stòras Eadar-nàiseanta (IMF) iasad eadar £8bn agus £11bn dhan riaghaltas ùr anns an Ugràin, far a bheil an eaconamaidh a' strì ri fiachan. Tha an t-iasad a' crochadh ge-tà air an Ugràin atharrachaidhean a chur an sàs.

Rangers

Thuirt cathraiche Rangers, Dàibhidh Summers, gum bi an cluba ann an cunnart mur a bi luchd-taic deònach ticeadan seusain a cheannach. Dh'fhoillsich an cluba an-diugh gur e £3.5m a bh' aca sa bhanca aig deireadh na bliadhna an-uiridh, sìos bho £21m aig an aon àm a' bhòn-uiridh. Thuirt Mgr Summers gu bheil e dòchasach mu shuidheachadh ionmhais a' chluba stèidhichte air na bhiodh iad an dùil a reic de thiceadan air an ath-sheusan.

Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh

Choinnich coithional Àrd-Eaglais na h-Alba an Steòrnabhagh ri Clèir Leòdhais agus ri oifigich na h-Eaglaise à Dùn Èideann, agus mu dhara leth a' choithionail ag iarraidh an t-eaglais fhàgail, ri linn deasbad mu mhinistearan gèidh. Thuirt Eaglais na h-Alba gu bheil iad a' dèanamh an dìcheil an cumail anns an eaglais.