Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu ad

Ad Thathas ag iarraidh air daoine fios a chur air na Poilis, no air Crimestoppers Scotland.

Tha Poilis a tha a' rannsachadh mar a chaidh deise-cadail leanaibh a lorg sa Ghearasdan air a' mhìos a chaidh, le fuil air, ag ràdh gun deach an aon DNA a lorg ann am fuil a bh' air ad a chaidh a lorg.

Chaidh an t-aodach leanaibh a lorg air ceum eadar a' Phlantation agus Achadh an Todhair Uarach, agus chaidh an t-ad a lorg air ràthad Lunndabhra sa Ghearasdan.

Às dèidh mar a chaidh na pìosan aodaich a lorg air 11mh am Màrt, rinn na Poilis cinnteach air a h-uile pàist san sgìre fo aois trì mìosan.

Tha iad a' sireadh fiosrachaidh mun ad a chaidh a lorg.

Thuirt an Det Insp. Ridseard Baird gun robh iomairt a rinneadh roimhe airson fiosrachaidh co-cheangailte ris an deise-cadail leanaibh air aithris a nochdadh de dh'fhuaim taobh a-muigh dachaigh air Rathad Lunn Dà Bhrà.

Sgrùdadh foireansach

"Chunnacas fireannach na shuidhe ann an gàradh eadar 8:00f agus 9:00f air an 10mh là den Mhàrt 2014, far an deach ad baseball, air meud inbhich, a lorg le fuil air an ath-là," thuirt e.

"'S i ad Adidas Essentials dorcha-ghlas a th' ann, le trì striopan air a' ghob.

"Às dèidh sgrùdaidh fhoireansaich faodaidh mi dearbhadh gu bheil an DNA a lorgadh ann am fuil air an ad co-ionnan ris an DNA san fhuil air an deise-cadail leanaibh. Thathas den bheachd gur an bhon fhireannach air an robh an t-ad a tha an DNA.

"Tha mi ag iarraidh gun tig an duine leis a bheil an t-ad tighinn air adhart, no gun innis duine sam bith aig a bheil fios cò e am fiosrachadh sin do na Poilis, gus am faod sinn dearbhadh cionnas a chaidh a ghoirteachadh.

"Dh'fhaodadh gu bheil na h-uimhir de dh'adhbharan ann gun deach a ghoirteachadh, agus tha na Poilis a' cumail an inntinn fosgailte a thaobh seo."

Chaidh iarraidh air daoine fios a chur air na Poilis, no air Crimestoppers Scotland.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.