Bòrd na Gàidhlig "ri obair-leasachaidh"

  • 26 Am Màrt 2014
Bòrd na Gàidhlig
Image caption Tha luchd-obrach ChnaG a-nis air fo-chùmhnantan aig Bòrd na Gàidhlig.

Tha Bòrd na Gàidhlig a' dol a dhèanamh barrachd obair-leasachaidh sa choimhearsnachd iad fhèin seach a bhith ga fàgail an urra ri buidhnean eile.

Sin an teachdaireachd bhuapa an dèidh na naidheachd gu bheil a' mhòr-chuid de luchd-obrach Chomunn na Gàidhlig (CnaG) a' gluasad fo sgèith a' Bhùird air fo-chùmhnantan.

Tha am Bòrd mar-thà air sguir de mhaoineachadh Comhairle nan Sgoiltean Àraich airson foghlam fo aois sgoile dhèanamh, agus iad air an t-uallach airson sin a ghabhail thuca fhèin a-nis.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, mhìnich Ceannard a' Bhùird, Iain Aonghas MacAoidh, an t-adhbhar a bh' aca luchd-obrach ChnaG fhastadh air fo-chùmhnantan seach CnaG a ghearradh às an dealbh buileach.

"Chan urrainn dha Bòrd na Gàidhlig fastadh daoine seachad air ìre àraid gun chead bho mhinistearan," thuirt e.

"Chan eil an cead sin againn ged a bhiodh sinn ag iarraidh a dhèanamh.

"Tha sinn a' feuchainn seo a-mach an-dràsta gus am faic sinn am bi seo cho èifeachdach 's a tha sinn an dòchas.

Slighe air adhart

"Ma gheibh sinn sin airson bliadhna, bidh fhios againn an uair sin dè an t-slighe air adhart às dèidh sin.

"Chaidh an t-uallach agus an dleastanas a chur air Bòrd na Gàidhlig a bhith a' stiùireadh leasachadh na Gàidhlig, agus 's e sin gu ìre mhòir a bha CnaG a' dèanamh mus deach Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh.

"Chan eil an dleastanas sin orra idir, chan eil an t-àite sin aca san t-saoghal san t-seadh sin 's a bha ro 2005.

"Tha sin a' ciallachadh gu bheil aig CnaG ri coimhead ri dè na rudan eile is urrainn dhaibh a dhèanamh san t-seadh sin.

"Tha e a' toirt cothrom dhaibh, is saorsa rudan eile a dhèanamh, ach aig a' cheart àm chan urrainn dhaibh dèanamh rud a tha mar uallach air Bòrd na Gàidhlig.

Soilleireachadh

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e air tighinn follaiseach dhuinn gu bheil feum aig Bòrd na Gàidhlig cuid de rudan a stiùireadh, seach a bhith a' cur airgid a-mach an doras.

"Tha sin air fàs soilleir dhuinn, 's tha mi a' smaoineachadh gu bheil, le ceartas dhan a h-uile duine, an toradh a thàinig a-mach à sinn fhèin a bhith a' fastadh sgioba airson foghlaim, gu bheil sin follaiseach anns na h-àireamhan cloinne a tha a' dol a-steach dha na buidhnean ro-sgoile, dha na sgoiltean Gàidhlig 's na rudan a tha sin, agus tha tighinn againn air co-ordanachadh nas fheàrr a dhèanamh.

"Anns an Aithisg Bhliadhnail an-uiridh bha sinn a' nochdadh gu bheil còrr is 70% den airgead againn a' dol a-mach a doras gu buidhnean eile.

"Tha ceist ann an uair sin dè an dòigh as èifeachdaiche air dèiligeadh ri cùisean.

"Ach feumaidh sinne fàs nas fhaisge air coimhearsnachdan sinn fhèin cuideachd," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile