Gnìomhachas an dìon ann an Alba

  • 26 Am Màrt 2014
Saighdear
Image caption Am biodh dìon nas fheàrr air Alba le neo-eisimeileachd neo mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte?

Ma bhòtas sinn airson neo-eisimeileachd, tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bi sinn air ar dìon nas fheàrr agus gum bi barrachd luchd-obrach an sàs ann an gnìomhachasan dìon na th' ann an-dràsta.

A bheil iad ceart ge-tà? Sin a tha mi air a bhith a' rannsachadh san treas prògraim san t-sreath, Rathad an Referendum: Dìon - a' bruidhinn ris an dà riaghaltas ann an Holyrood agus Westminster, a bharrachd air eòlaichean bho gach taobh.

'S e Ionad Faslann air taobh an iar na h-Alba an t-àite as connspaidiche a thaobh dìon ann an Alba. 'S ann an sin a tha armachd niuclasach Bhreatainn stèidhichte - rud a tha Riaghaltas na h-Alba airson atharrachadh ma thig neo-eisimeileachd.

Armachd niuclasach

Tha Barbara NicGriogair air a bhith ag iomairt an aghaidh armachd niuclasaich fad bhliadhnaichean. Nar seasamh taobh a-muigh gheataichean Faslann, dh'innis i dhomh carson:

Image caption Tha Barbara NicGriogair air a bhith ag iomairt an aghaidh armachd niuclasaich fad bhliadhnaichean.

"Tha Breatainn, mar a tha fhios agaibh, mar phàirt de Chomhairle Thèarainteachd an UN, seach gu bheil armachd niuclasach againn.

"'S e bòrd mòr na "big boys" a th' ann, nach e? Ach chan eil mise ag iarraidh a bhith pàirt dhen sin idir, is chan eil a' chuid as motha de mhuinntir na h-Alba airson a bhith pàirt dhen "ego trip" nas motha."

Tha draghan ge-tà air Alasdair MacCuthais, a tha a' ruith Club Goilf faisg air Faslann, mun chron a dhèanadh e air obraichean nan d' rachadh cuir às don armachd niuclasach:

"Tha innealan a tha a-staigh san àite sin a tha dìreach airson a bhith a' frithealadh nam bàtaichean niuclasach a th' aca. Tha an t-seòrsa daoine a tha ag obair ann, 's e sgilean ceangailte ris a sin a th' aca.

"Is ma dhùineas sin, feumaidh iad gluasad air falbh airson beò-shlainnt. Chan urrainn dhaibh an t-seòrsa obair a th' aca atharrachadh."

Cosgais is cunnart

Do Cheannard Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Westminster, Aonghas Robasdan, 's e cosgais is cunnart gun chiall a th' ann an armachd niuclasach, agus tha e a' smaoineachadh gum biodh Alba na b' fheàrr dheth às aonais.

Image caption Tha Aonghas Robasdan den bheachd gur e cosgais is cunnart gun chiall a th' ann an armachd niuclasach.

Dh'fhaighnich mi do Mhgr Robasdan ge-tà, ma 's e 's gum faigh Alba neo-eisimeileachd, is gum faigh iad a-staigh gu NATO mar a tha iad a-nis ag iarraidh, an leigeadh iad le dùthchannan NATO eile puirt na h-Alba a chleachdadh airson nan soithichean niuclasach acasan?

Sheall e dhomh eisimpleirean de dhùthchannan NATO eile a tha an aghaidh armachd niuclasach iad fhèin:

"An-dràsta, cha bhi soithichean a tha a' giùlain armachd niuclasaich a' cleachdadh phort Nirribheach no Dànach ann. Tha sin air sgàth 's gu bheil dùthchannan aig a bheil armachd niuclasach a' tuigsinn nach eil ar nàbaidhean gan iarraidh. Sin gu dìreach an suidheachadh sam bi Alba.

"Tha an còir a bhith a' gluasad armachd niuclasaich tro uisgeachan ge-tà, air a dhearbhadh ann an lagh eadar-nàiseanta. Tha far a bheil an armachd stèidhichte fa-leth. Choimhead sinn air mar a tha cùisean san Danmhairg agus ann an Nirribhidh, agus 's e sin a nì sinne.

"Chan eil sinn ag iarraidh soithichean niuclasach ann am puirt na h-Alba, agus cha bhi an dèidh neo-eisimeileachd."

Am Pàipear Geal

Tha am Pàipear Geal ge-tà ag ràdh, ma gheibh Alba a-staigh gu NATO, gun leig iad le soithichean bho dhùthchannan NATO eile na puirt aca a chleachdadh gun toirt orra innse a bheil armachd niuclasach aca air bòrd neo nach eil.

Image caption Rinn Rùnaire an Dìon, soilleir gu bheil Riaghaltas Bhreatainn airson ar n-armachd niuclasach a chumail far a bheil e.

Fo na planaichean, cha bhi armachd den t-seòrsa idir stèidhichte an taobh a-staigh chrìochan na h-Alba ge-tà.

A' gabhail cuairt timcheall ionad nan Saighdean-Mara Rìoghail ann an Obar Bhrothaig, bha Rùnaire an Dìon, Philip Hammond, soilleir gu bheil Riaghaltas Bhreatainn airson ar n-armachd niuclasach a chumail far a bheil e:

"Chan eil sinn idir am beachd an culaidh-bhacaidh niuclasach a ghluasad a-mach à Faslann. 'S e ionad a th' ann a tha gu math stèidhichte. Tha e a' cumail cosnaidh aig àrd-ìre ris na mìltean de dhaoine air taobh siar na h-Alba, agus tha e fa-near do Riaghaltas Bhreatainn an t-ionad sin a ghlèidheadh.

"Gu follaiseach, ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd, feumaidh sinn còmhraidhean a bhith againn le Riaghaltas na h-Alba mu dheidhinn sin."

Chan eil anns a' chonnspaid mun armachd niuclasach ach aon dòigh anns a bheil an deasbad mu neo-eisimeileachd a' toirt buaidh oirnn.

Obraichean

Tha mu 11,000 obraichean a' crochadh air dìon ann an Alba - sìobhaltaich agus buill de na feachdan armaichte.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Rathad an Referendum: Dìon

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh, fo na planaichean acasan, gun tèid seo àrdachadh gu 15,000.

Tha e na amas dhaibh cabhlach, arm, is feachd adhair dhith fhèin a bhith aig Alba, ach tha Riaghaltas Bhreatainn ag ràdh nach obraich na planaichean aca is gun tèid dìon is na h-obraichean a tha na lùib a chur ann an cunnart ma bhòtas sinn "Bu chòir".

'S e a bhith a' dìon nan saoranach a tha a' fuireach innte fear de na dleastanasan as bunaitiche a th' aig dùthaich sam bith.

Tha argamaidean làidir aig an dà thaobh, agus san t-Sultain gheibh muinntir na h-Alba cothrom an t-argamaid a tha iadsan a' creidsinn a thaghadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo