Dearbhadh mu bhun-sgoiltean Uibhist

  • 25 Am Màrt 2014
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tha Riaghaltas na h-Alba air dearbhadh nach cuir iad an aghaidh dùnadh trì bun-sgoiltean ann an Uibhist a Tuath.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd nach bi Riaghaltas na h-Alba a' tagradh an aghaidh co-dhùnadh na Comhairle gus trì bun-sgoiltean ann an Uibhist a Tuath a dhùnadh.

Tha a' Chomhairle am beachd sgoiltean Phaibeil, Chàirinis agus Loch nam Madadh a dhùnadh agus sgoil ùr a thogail nan àite.

Seo an treas bun-sgoil a thèid a thogail ann an Uibhist bho 2011.

Chaidh bun-sgoiltean fhosgladh ann an Dalabrog san Dàmhair 2012 agus am Baile a' Mhainich san Lùnastal 2011.

Dhearbh an Riaghaltas cuideachd nach cuir iad an aghaidh dùnadh Sgoil Èirisgeigh.

Tha clann Èirisgeigh uile a' dol gu sgoil ùr Dhalbroig an-dràsta agus dùinidh an sgoil san Ògmhios.

Planaichean

Thuirt Cathraiche Foghlaim na Còmhairle, Catrìona Stiùbhart, gur e deagh naidheachd a th' ann a leigeas leotha a dhol air adhart le am plana airson sgoil ùr a thogail do dh'Uibhist a Tuath.

"Tha e a' ciallachadh gun urrainn dhuinn a dhol air adhart cho luath 's a ghabhas le sgoil ùr a thogail.

"Tha iad air aontachadh gun do rinn sinn a h-uile càil a bu chòir dhuinn a bhith air a dhèanamh a rèir Achd an Fhoghlaim 2010," thuirt a' Bh. Stiùbhart.

Tha a' Chomhairle a' tairgse sgoil ùr do dh'Uibhist, sgoil nas goireasaiche, coltach ri sgoil Bheinn nam Fadhla agus Sgoil an Taobh Siar ann an Leòdhas.

Anns na mìosan a tha ri thighinn, tha a' Chomhairle an dùil bruidhinn ri pàrantan, ri luchd-teagasg is luchd-obrach nan sgoiltean, agus ris a' chloinn airson innse na tha a' Chomhairle am beachd a dhèanamh agus gus èisteachd ris na h-iarrtasan a h-acasan.

A thaobh nan sgoiltean a thathar a' dùnadh, bidh na thachras riutha a rèir poileasaidh na Comhairle.

Dh'innis a' Bh. Stiùbhart: "Bidh na togalaichean air am fosgladh a-mach gu roinnean a tha ag iarraidh an cleachdadh agus an uair sin, thèid e a-mach gu buidhnean sa choimhearsnachd a bhios ag iarraidh feum a dhèanamh dhiubh".

Leis gum bi trì bun-sgoiltean ùra an Uibhist, tha a' Chomhairle mothachail gu bheil obair ri dhèanamh ri sgoil Bhàgh a' Chaisteil.

Image caption Dh'fhosgail Sgoil Dhalabroig anns an Dàmhair 2012.

Tha a' Chomhairle air a bhith a' leasachadh sgoiltean nan Eilean Siar o chionn grunn bhliadhnaichean a-nis, agus air na milleanan notaichean a chosg orra.

"Tha sinn air tòrr aigid a chosg air na sgoiltean againn.

"Ach, na sgoiltean nach robh anns a' phròiseict, WISP, sgoiltean air feadh nan eileanan gu lèir, tha iad feumach air obair a bharrachd a dhèanamh riutha," thuirt a' Bh. Stiùbhart.

Thuirt i gu bheil oifigearan na Comhairle an dùil coimhead air na tha a dhìth air cuid de na sgoiltean.

"Tha feadhainn aca nas sine na luigeadh sinn agus chan eil na goireasan aca a th' anns na sgoiltean ùra.

"Tha e mar dhleastanas oirnne na 's urrainn dhuinn a dhèanamh airson an toirt suas gu ìre nan sgoiltean ùra," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile