Còmhraidhean as ùr mu oighreachd Uibhist a Tuath

  • 25 Am Màrt 2014
Paibeil Image copyright Anne Burgess/Geograph
Image caption Thuirt Uisdean Robasdan gur e an ath-cheum dà choinneimh phoblach a chumail ann an Uibhist a Tuath - ann an Loch na Madadh agus am Paibeil.

Thèid coinneamhan a chumail ann an Uibhist a Tuath agus comhairlichean na sgìre airson 's gun coimhead muinntir an àite ri sealbh a ghabhail air an oighreachd.

Chaidh clàircean nam bailtean an aghaidh an leithid a dhèanamh bho chionn dà bhliadhna, ged nach deach a' cheist a chur gu bhòt am measg a' mhòr-shluaigh aig an àm.

Chuala Comhairle Coimhearnsachd Uibhist a Tuath gu bheil comhairlichean na sgìre a-nis an dùil coinneamhan a chur air dòigh airson a' chùis a thogail a-rithist.

Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Uisdean Robasdan, gu bheil iarrtas air tighinn bho dhaoine san sgìre gun tèid a' cheist seo fhaighneachd dhan choimhearsnachd air fad.

Deasbad

Dh'innis Mgr Robasdan gun deach an gnothach a dheasbad roimhe, ach gu bheilear an turas seo ag iarraidh gum bi cothrom aig a h-uile duine beachdachadh mun chùis.

Ged a chaidh beachd nan croitearan iarraidh o chionn dà bhliadhna, cha deach iarriadh air comhairlichean bruidhinn ris a' mhòr-shluagh.

"Mar sin, tha sinn airson gluasad air adhart airson a' bheachd sin fhaighinn," thuirt Mrgr Robasdan.

Dh'innis e gu bheil draghannan air tighinn am bàrr sa choimhearsnachd mu mar a tha sluagh an eilein a' crìonadh, gu h-àraidh aig aois chloinn sgoile.

Le ionmhas, leithid ionmhas na Comhairle, a' tuiteam gu mòr, thuirt Mgr Robasdan gu bheil faireachdainn ann gum feum a' choimhearsnachd fhèin barrachd seilbh a ghabhail air na tha a' dol a thachairt, no thèid an t-àite bàs.

Misneachd

Leis mar a tha oighreachd Uibhist a Deas, a th' air a bhith a' dol beagan bhliadhnaichean, agus oighreachdan leithid Cheann a Tuath na Hearadh air soirbheachadh, dh'fhaodadh gu bheil sin na adhbhar misneachd do mhuinntir Uibhist a Tuath.

"Tha eagal orra ann an dòigh gu bheil sinne gu bhith air ar fàgail sa mheadhan an seo gun dad," thuirt Mgr Robasdan.

"Tha mi fhìn a' faicinn, far a bheil airgead ga thoirt seachad, gu bheil prìomhachas ga thoirt do choimhearsnachdan a th' air an talamh aca fhèin a ghabhail agus tha sin caran draghail."

Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Cheannaich a' choimhearsnachd oighreachd Uibhist a Deas is Èirisgeidh ann an 2006.

Tha Mgr Robasdan a' faireachdainn gu bheil na duilgheadasan an Uibhist a Tuath an aon rud ri na duilgheadasan sna Hearadh, an Uibhist a Deas no an àite sam bith eile.

Thuirt e gur e an ath-cheum dà choinneimh phoblach a chumail ann an Uibhist a Tuath - ann an Loch na Madadh agus ann am Paibeil.

Thathar am beachd cuireadh a thoirt do riochdairean bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Comhairle nan Eilean Siar agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba.

Às dèidh sin, thathar an dòchas buidheann-stiùiridh a chur air bhonn airson tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh, agus airson gluasad air adhart gus bhòt a chumail sa choimhearsnachd air fad.

Thathar an dòchas gun tèid na coinneamhan a chumail mu thoiseach a' Chèitein.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile