Loch Seaforth
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An MV Loch Seaforth ga cur air bhog

24 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh moladh mòr a dhèanamh air cumadh bhàt'-aiseig ùir Steòrnabhaigh, an MV Loch Seaforth, a chaidh a chur air bhog Dihaoine sa Ghearmailt agus a bhios a' seòladh air slighe Ulapuil fhathast am-bliadhna.

Thuirt ceannard ghàradh shoithichean Flensburg, anns an deach a togail, gum bu chòir dhi bhith tòrr nas fheàrr san fhairge na tha an MV Isle of Lewis.

Bha Aonghas Domhnullach an làthair nuair a chaidh an Loch Seaforth gu muir.