Iomairt an aghaidh àrdachaidh fharaidhean

  • 21 Am Màrt 2014
Aiseag a' Chorrain
Image caption Tha dùil an ath-mhìos ris an treas àrdachadh ann am bliadhna air faraidhean an aiseig.

Thèid coinneamh phoblach a chumail ann an Sròn an t-Sìthein air an deireadh sheachdain airson iomairt oifigeil a chur air bhonn an aghaidh an àrdachaidh air faraidhean aiseig a' Chorrain.

Bidh a' choinneimh, a bhios fosgailte do dhuine sam bith sa choimhearsnachd, ann Didòmhnaich.

Chaidh prìs nan ticeadan suas 20% san t-Samhain an-uiridh.

Togaidh luchd-iomairt air soirbheachas na h-iomairt airson cur às dha na cìsean air Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Tha dùil gun tig àrdachadh air na faraidhean an ath-mhìos, an treas turas ann am bliadhna.

Deasbad

Tòisichidh a' choinneamh le taisbeanadh fiolm mu iomairt nan Sgitheanach an aghaidh nam faraidhean a bh' air Drochaid an Eilein.

Thèid deasbad a chumail an uair sin le eòlaichean mun dòigh as fheàrr an iomairt a chur air adhairt.

Bidh Robbie the Pict, a tha ainmeil bhon iomairt san Eilean Sgitheanach cuideachd an làthair.

Thuirt cathraiche na buidhne, Tony Boyd, gun robh e an dòchas gum piobraicheadh am fiolm coimhearsnachd na sgìre seasamh an aghaidh nam faraidhean.

'S e Comhairle na Gàidhealtachd a tha a' ruith an aiseig, is iad ag ràdh gum feum prìsean a dhol suas air sgàth nan cosgaisean a bharrachd a tha a' tighinn orra 'son an t-seirbheis a chumail a' dol.