Gearain oifigeil aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • 21 Am Màrt 2014

Chaidh gearain oifigeil mu cheannard na buidhne neo-eisimeilich aig Comhairle na Gàidhealtachd a chur gu Coimisean Inbhean na h-Alba.

Dh'fhàg an Comh. Carolyn NicUilleim air Leas-Àrd-Oifigear an ùghdarrais, Michelle Morris, gun robh i "a' cur bacadh air deamocrasaidh".

Aig coinneimh de Chomataidh an Ionmhais, an Taigheadais augs nan Goireasan, chaidh cothrom a dhiùltadh do bhuill neo-eisimeileach gluasad a chur air adhart airson àrdachadh nas lugha air a' mhàl air taighean-còmhairle, às dèidh iarrtais bhon Bh. Morris.

Às dèidh na coinneimh, thuirt an Comh. NicUilleim nach e riochdaire taghte a bh' anns a' Bh. Morris. Dhiùlt i leisgeul iarraidh, agus chuir a' Chomhairle an gearain oifigeil air adhart.

Thuirt an Comh. NicUilleim nach robh e idir iomchaidh dad a ràdh aig an ìre seo.