Dealbh measgaichte air neart na Gàidhlig

  • 21 Am Màrt 2014
A rèir na Comhairle, feumaidh na h-Eileanan Siar barrachd cuideachaidh airson àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail an-àirde.

Bu chòir an tuilleadh airgid a chosg ann an Uibhist a Deas airson a' Ghàidhlig a dhìon, a rèir tè a th' air a bhith fad bhliadhnaichean an sàs ann an leasachadh cànain.

Bha Màiri NicAonghais a' bruidhinn agus figearan ùra bhon chunntas-sluaigh a' sealltainn gur ann san sgire sin as làidire a' chànain am measg na h-oigridh agus daoine nas sine.

Le tuilleadh airgid, thuirt i gum faodadh barrachd chosnaidhean a bhith air an cruthachadh airson an cànan a chumail aig an ìre aig a bheil e.

Thug na figearan ùra bhon chunntas-sluaigh dealbh measgaichte air neart na Gàidhlig san sgìre.

Dealbh measgaichte

A rèir a' chunntas-sluaigh, tha Gàidhlig aig cha-mhòr trì chairteal de dhaoine ann an Uibhist a Deas, thairis air gach ginealach.

Aig an aon àm, tha an àireamh sin a' crìonadh nas luaithe na tha a' tachairt ann am Beinn nam Fadhla.

"Tha mi a' faicinn gu bheil gu leòr de dh'airgead Gàidhlig a' dol mun cuairt, ach chan eil mise a' faicinn gu bheil an t-uabhas dheth ga chosg ann an Uibhist a Deas," thuirt a' Bh. NicAonghais.

"'S dòcha gur e àm a th' ann ath-shùil a thoirt air ciamar a ghabhadh cuir ris an rud th' againn, mus tèid crìonadh mòr a dhèanamh ann an àite a tha fìor phrìseil agus fìor chudromach, leis gu bheil a' Ghàidhlig cho làidir ann tarsainn air gach ginealach," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile