Uibhist
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

A' Ghàidhlig anns na h-Eileanan Siar

21 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt fear de chomhairlichean nan Eilean Siar gu bheil Plana Gàidhlig na Comhairle ag obair, a dh'aindeoin figearan bhon chunntas-sluaigh a sheall gu bheil an àireamh dhaoine aig a bheil comas labhairt anns a' chànan ann an Leòdhas agus na Hearadh air a dhol sìos.

Nas fhaide deas, sheall na figearan gu bheil Gàidhlig aig cha-mhòr trì chairteal de mhuinntir Uibhist a Deas, ach gu bheil i a' crìonadh ann an cuid de sgìrean mu dheas cuideachd.