Ìle
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Crann-gaoithe coimhearsnachd an Ìle

21 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Urras Cumhachd Ìle a' cur romhpa crann-gaoithe coimhearsnachd a thogail air an eilean.

Dh'fhaodadh gun cruthaicheadh an crann-gaoithe gu leòr cumhachd airson dealan a chumail ri 300 dachaigh.

Reic iad mar thà luach còrr is £400,000 de dh'earrainean, ach bidh cothrom aig daoine gu deireadh na mìos taic a chur ris a' phròiseict.