Cha chumar RockNess am-bliadhna

  • 20 Am Màrt 2014
RockNess
Tha Cupa na Cruinne agus Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis gu bhith a' tachairt mun aon àm.

Cha tèid tè de na fèisean ciùil as motha an Alba, RockNess, a chumail am-bliadhna.

Tha an fheadhainn air a cùlaibh air a bhith a' feuchainn ri dèataichean ùra a lorg dhan fhèis, agus tachartasan mòra eile leithid Cupa na Cruinne agus Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis gu bhith ann aig an aon àm.

Cho-dhùin iad ge-tà, gun a cumail am-bliadhna, 's iad ag amas air an fhèis a dhèanamh nas motha agus nas fheàrr an ath-bhliadhna.

Chaidh an fhèis a chumail san Ògmhios ann an Dubhrais, aig ceann an ear-thuath Loch Nis, bho 2006.

Bidh còrr is 30,000 duine a' tadhail air an fhèis mar as trice, ged a bha beachd ann an-uiridh nach robh an uiread sin ann.