A' Ghàidhlig sa chunntas-sluaigh

  • 19 Am Màrt 2014
Loch Aineort an Uibhist a Deas
'S ann an Uibhist a Deas as làidire a tha a' chànain air feadh nan diofar aoisean, le timcheall air 75% de dhaoine le comas Gàidhlig air choireigin.

Tha figearan bhon chunntas-sluaigh mu dheireadh a' sealltainn gu bheil a' Ghàidhlig am measg na h-òigridh fada air dheireadh na tha i do dhaoine nas sine air taobh tuath Leòdhais.

Ged a tha sin ri fhaicinn ann an iomadh sgìre thraidiseanta, chan eil an sgaradh cho mòr 's a tha e ann an Ceann a Tuath Leòdhais - a' gabhail a-steach An Rubha agus sgìre Nis. 'S ann an sin a tha a' bheàrn as motha eadar sean is òg.

Ann an 2011, bha comas Gàidhlig aig 78.8% de dhaoine nas sine na 65 bliadhna de dh'aois.

Ach, am measg dhaoine fo aois 18 bliadhna, tha sin a' tuiteam gu 43.7%.

Àireamhan

'S ann an Uibhist a Deas as làidire a tha a' chànain. Tha comas Gàidhlig aig cha 75% de dhaoine, sean agus òg, agus 's e glè bheag de dh'eadar-dhealachadh a th' ann eadar na h-aoisean.

Tha àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig air a bhith a' crìonadh san Eilean Sgitheanach airson ùine nas fhaide na anns na h-Eileanan an Iar.

Ann an sgìrean traidiseanta an Eilein Sgitheanaich, tha a' Ghàidhlig a' crìonadh am measg an fheadhainn as sine, ach a' fàs am measg na h-òigridh.

Ann an Slèite agus na h-Eileanan Beaga, tha Gàidhlig aig an dara leth de chloinn-sgoile, agus aig 40% de dhaoine eadar 18 agus 34. Tha sin nas àirde na tha i am measg dhaoine nas sine na 65 bliadhna de dh'aois.

Tha Port Rìgh, Snìosort agus Tròdairnis cha-mhòr co-ionnan eadar sean is òg, le Gàidhlig aig mu dhara leth an t-sluaigh.