Ginealach 2014: Beachd bhon dà thaobh

  • 19 Am Màrt 2014
Sarah NicDhòmhnaill agus Isabelle Bain
Tha am BBC a' leantainn 50 deugaire suas gu là a' bhòtaidh ann am pròiseict air a bheil Ginealach 2014.

Ge bith dè eile a tha e a' dèanamh, tha e coltach gu bheil an deasbad mu referendum na h-Alba air ùidh dhaoine òga a thogail ann am poileataigs.

Airson a' chiad uair, bidh daoine òga aois 16 agus 17 ceadaichte bhòtadh san referendum.

Tha am BBC a' leantainn 50 deugaire suas gu là a' bhòtaidh ann am pròiseict air a bheil Ginealach 2014.

Tha tè dhiubh sin, Isabelle Bain à Leòdhas, airson fuireach san Aonadh.

Tha Isabelle den bheachd gu bheil e gu math cudromach dhithse, agus do dheugairean eile, cothrom fhaighinn bhòtadh san referendum.

Buaidh

Thuirt i gur e an ginealach aice-se an fheadhainn as fhaide a bhios beò leis a' bhuaidh a bhios aig an referendum san t-Sultain.

Ged nach robh uiread de dh'ùidh aice an toiseach, dh'innis i mar a tha i a' cluinntinn barrachd is barrachd mu dheidhinn, 's bho thòisich i a' dèanamh na pròiseict seo, gu bheil i air barrachd ùidh a ghabhail ann.

Thuirt Isabelle ge-tà, nach eil a h-uile càil air a bhith cho soilleir 's a dh'iarraidh i: "Tha mi a' smaoineachadh gum b' urrainn dhuinn barrachd fiosrachaidh chinnnteach fhaighinn."

A' beachdachadh air a' Phàipear Gheal, thuirt i gu bheilear air tòrr a ràdh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e barrachd bheachdan a th' ann - dè a tha iad ag iarraidh tachairt - 's chan e fiosrachadh gu cinnteach gun tachair seo," thuirt i.

Mì-chinnt

Tha a' mhì-chinnt mu ghnothaichean leithid cleachdadh an Not agus àite na h-Alba san Roinn Eòrpa cuideachd nan draghannan dhi.

Aig a' cheann thall, tha Isabelle air co-dhùnadh gum bhòt ise airson fuireach san Aonadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn nas sàbhailte fuireach còmhla ri Breatainn.

"Tha cuid a' cantainn gum bi tòrr aigid againn leis an ola, ach a bheil sin gu bhith gu leòr - chan eil fhios agam co às a tha an t-airgead gu lèir a tha seo a' dol a thighinn," thuirt Isabelle.

Thuirt i gun do rinn i an-àirde a h-inntinn fhèin gu ìre mhòir, ach le deasbad tric a' dol eatorra, gu bheil beachdan a pàrantan 's a caraidean air buaidh a thoirt gu ìre.

Cothrom

Tha Isabelle a' coimhead air adhart ri bhòtadh, 's i mothachail gur e cothrom "glè shònraiche" a th' ann a bhith a' bhòtadh airson a' chiad turais.

Tha Sarah NicDhòmhnaill à Glaschu cuideachd a' creidsinn gum bi e sònraichte, 's i tangeil an cothrom fhaighinn bhòtadh.

Ach 's ann ri Alba neo-eisimeileach a tha ise a' cur taic.

Leis gun urrainnear a dhol a dh'obair agus pòsadh aig aios 16, tha Sarah den bheachd gu bheil e uabhasach cudromach gum bi bhòt aca cuideachd.

Mar Isabelle, cha robh mòran fiosrachaidh aice mun referendum an toiseach, ach às dèidh dhi tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn dhi fhèin air an eadar-lìon agus anns na naidheachdan, tha i a' smaointinn gu bheil fiosrachadh gu leòr aice airson taghadh a dhèanamh dhi fhèin.

"Tha mi airson gum bi neo-eisimeileachd aig an dùthaich againn," thuirt Sarah.

Smachd

Tha ise den bheachd gur e an rud as cudromaiche gu bheil smachd againn air na bhios a' tachairt anns an dùthaich againn - a thaobh airgid agus feumalachdan na dùthcha.

"Tha fios againne air an sin nas fheàrr na Wesminster," thuirt i.

A dh'aindeoin bheachdan an Aonaidh, tha Sarah làidir den bheachd gur e neo-eisimeileachd an slighe air adhart.

Ged a tha draghannan air nochdadh bho luchd an Aonaidh nach bi airgead gu leòr ann, tha Sarah den bheachd gum bithear nas fheàrr dheth san àm ri teachd ri linn phròiseictean cumhachd ath-nuadhachail is eile.

Chan eil Sarah cinnteach dè an taobh a thèid a' bhòt aig an ìre seo, ach tha i den bheachd gu bheil an iomairt "Bu chòir" air barrachd fiosrachaidh a sgaoileadh agus tha i dòchasach gun toir sin buaidh air mar a bhòtas daoine san t-Sultain.