Dà thuath-gaoithe mòr ceadaichte

  • 19 Am Màrt 2014
Tuath-gaoithe aig muir
Image caption Chruthaicheadh an dà thuath cumhachd gu leòr do chòrr is millean dachaigh.

Thug Riaghaltas na h-Alba cead do dhà thuath-gaoithe mòr aig muir far chladaichean Ghallaibh.

'S iad Moray Offshore Renewables Earranta agus Beatrice Offshore Windfarm Earranta a th' air cùlaibh an dà phròiseact, anns am bi 326 crann uile gu lèir.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e an tuath-gaoithe aig muir as motha air an t-saoghal a bhiodh anns an dà phròiseact còmhla.

Tha dùil gun cruthaich an dà thuath dealan gu leòr airson còrr is millean dachaigh.

Bhiodh obair ann do mu 4,600 duine aig àirde na h-obrach, suas ri 580 cosnadh nuair a bhios iad ag obair, agus luach £2.5bn na lùib do dh'eaconamaidh na h-Alba.

Cuingealachadh

Thuirt Ministear a' Chumhachd, Fearghas Ewing, gun robh na ceadan air an cuingealachadh le cùmhnantan teanna, leithid measadh air a' bhuaidh a th' aig an leasachadh air fiadh-bheatha.

"Dh'fhaodadh Alba a bhith air thoiseach air càch ann an gnìomhachas ùr a' chumhachd ath-nuadhachail, agus cumhachd na gaoithe aig muir a' gluasad a-mach gu uisgeachan nas doimhne.

"'S e cothrom mòr a tha seo do dh'Alba, cothrom gnìomhachasan ùra a thogail agus ar n-amasan a choileanadh a thaobh ar targaidean cumhachd ath-nuadhachail agus lùghdachadh càrboin," thuirt e.

Thuirt stiùiriche Friends of the Earth Alba, An Dr Ridseard Dixon, gur e "fìor dheagh naidheachd a bh' ann do chumhachd ath-nuadhachail ann an Alba."

"Dh'fhaodadh, air là gaothach, an dà thuath seo 40% de dh'fheumalachdan cumhachd na h-Alba a chruthachadh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile