Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuthanan-gaoithe aig muir

Tha Riaghaltas na h-Alba air cead a thoirt airson dà thuath-gaoithe mòr aig muir, far cladach Ghallaibh. Bidh iad ri taobh a chèile 's bidh còrr air 300 crann-gaoithe annta eadar na dhà. 'S e sin an treas tuath-gaoithe mara as motha air an t-saoghal. Cumaidh iad dealan ri millean dachaigh. 'S e Moray Offshore Renewables a thogas an dàrna fear agus Beatrice Offshore Windfarm am fear eile. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun cuir an leasachadh £2.5bn ris an eaconamaidh.

Cion-chosnaidh

Thàinig an àireamh dhaoine a tha gun chosnadh an Alba a-nuas còrr air sia mìle. Tha sin a' toirt ìre dìth cosnaidh na h-Alba gu 6.9%, an coimeas ri 7.2% anns an Rìoghachd Aonaichte air fad.

Am Buidseat

Foillsichidh an Seansalair Seòras Osborne am buidseat an-diugh fhathast - am fear mu dheireadh mus bi an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba ann san t-Sultain. Tha coltas gun can gu bheil an eaconamaidh a' dol a dh'fhàs barrachd air na bha dùil. Ach tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a' cumail a-mach nach toir dad ach neo-eisimeileachd fo theachd an seòrsa suidheachadh eaconamaich a tha dhìth.

Uisge-Beatha

Dh'iarr Comann an Uisge-Bheatha ann an Alba air an t-Seansalair cur às dhan escalator chìsean air uisge-beatha - siostam a tha a' ciallachadh gu bheil a' chìs a' dol an-àirde dhà 2% a bharrachd air an atmhorachd gach bliadhna. Ged is ann a-null thairis a tha naoi botail às gach deich gan reic, tha an Comann ag ràdh gun gabhadh barrachd reic san dùthaich seo nam biodh a' chìs nas cothromaiche.

An Crimea

Ghabh grunn cheudan luchd-iomairt a' cur taic ris an Ruis thairis ionad nèibhidh na h-Ugràin ann am port Sevastopol anns a' Chrimea. Chan eil ach an-dè bho thuirt an Ruis gun robh iad air an Crimea fhèin a ghabhail thairis. Chaidh grunn sheòladairean Ugràinianach fhaicinn a' fàgail an ionaid, agus tha aithrisean ann gun do dh'fhalbh seirbheis dhìomhair na Ruis leis a' chomanndair.

Ìle

Tha Urras Cumhachd Ìle a' cur romhpa crann-gaoithe coimhearsnachd a thogail. Reic iad mar thà luach còrr 's £400,000 de dh'earrainean, ach bidh cothrom aig daoine gu deireadh na mìos taic a chur ris a' phròiseact.

Inbhir Ghòrdain

Dhearbh àireamhan ùra gur e Inbhir Ghòrdain am port as cudromaiche ann an Alba airson soithichean mòra luchd-turais. 'S e an treas fear as fheàrr a tha a' dèanamh ann am Breatainn, as dèidh Guernsey agus Dover. Nochd a' bhuidheann Cruise Britain gun deach 89,000 duine tro phort Inbhir Ghòrdain an-uiridh.