Farpais ann an connadh sna h-Eileanan

  • 19 Am Màrt 2014
Tancair connaidh
Image caption Cha do shàsaich an naidheachd an fheadhainn a bh' air a bhith ag iomairt buileach.

Tha fàilte ga chuir air an naidheachd bho Oifis na Malairt Cothromaich (OFT) gun tèid barrachd farpais a thoirt a-steach de reic connaidh anns na h-Eileanan Siar.

Tha a' chompanaidh leis a bheil na h-ionadan connaidh ann an Steòrnabhagh agus an Loch a' Chàrnain - Certas - air aontachadh am fosgladh do chompanaidhean eile a tha ag iarraidh farpais riutha.

Bha casaidean an aghaidh na companaidh gun robh iad a' mì-bhuileachadh a' ghrèim a bh' aca air stòradh agus lìbhrigeadh connaidh.

Thòisich Gordain MacIllinnein air iomairt an aghaidh nan cùmhnantan teann a bha a' chompanaidh a' cur air stèiseanan connaidh - ach chan eil esan buileach air a dhòigh le co-dhùnadh an OF.

Àranais

"Beachd gu math bochd. Bha dùil agam sa gun sealladh iad air ais ri mar a bha gnothaichean a' dol bho chionn bhliadhnaichean an seo, 's gun robh a' phrìs anns na h-Eileanan an seo deugachadh sgillinn a bharrachd 's na bha an Inbhir Nis," thuirt e.

"Nuair a dh'fhalbh na cùmhnantan còig bliadhna a bha sin, chaidh a' phrìs sìos an ìre mhath chun an aon phrìs 's a bha an Inbhir Nis, ach cha do sheall iad air ais idir ri dè bha a' dol air adhart an uair sin. 'S ann a tha iad a' sealltainn air adhart.

"'S e rud math a th' ann gum fosgail iad na h-ionadan aca ri farpais.

"Dh'fhaodadh a-nis leithid Comhairle nan Eilean 's daoine den t-seòrsa sin sealltainn ri a bhith a' dèanamh rudan iad fhèin le làraidhean, agus a' dèanamh na prìse na bu shaoire dhan a h-uile duine a th' ann.

Prìsean

"Cumaidh e na prìsean sìos, ach an rud a bha iad a' bruidhinn air an-diugh chan eil sin a' dol a sheasamh ach còig bliadhna, 's tha e glè dhuilich fhaicinn cò a tha gu bhith a' sealltainn às dèidh an rud às dèidh còig bliadhna," thuirt e.

Tha cuid a' moladh gun tèid companaidh Eileanach a chur an sàs ann a bhith a' ceannach 's a' reic connaidh san sgìre.

"As bi dè am feum a nì seo, cha dèan e càil de chron," thuirt Iain Moireasdain, aig a bheil companaidh bhusaichean ann an Leòdhas.

"Fosglaidh e ann doras gu, 's mathaid, consortium às an eilean fhèin a dhol an sàs.

"An rud a bu chaomh leamsa fhaicinn, 's e gum biodh àite ùr air a thogail ann an Àranais, agus gum biodh an connadh a' tighinn a-steach an sin agus gum faigheadh sinn an uair sin air na tancaichean a th' ann a teis-meadhan a' bhaile a thoirt às. Chan eil annta ach cunnart co-dhiù," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile