Planaichean Chaisteil Leòdhais gam foillseachadh

  • 18 Am Màrt 2014
Caisteal Leòdhais Image copyright David Maclennan/Geograph
Image caption Bidh àite ann airson 52 leapannan, le measgachadh de sheòmraichean mòra agus rumannan nas lugha, uile aig ìre còig rionnagan.

Dh'fhoillsich a' chompanaidh thurasachd, Natural Retreats, fiosrachadh mu am planaichean airson Caisteal Leòdhais.

Bidh àite ann airson 52 leapannan, le measgachadh de sheòmraichean mòra agus rumannan nas lugha, uile aig ìre còig rionnagan.

Bidh goireasan ann an cuid dhiubh airson daoine biadh a dhèanamh dhaibh fhèin.

Tha duil gun tig a' chompanaidh gu aonta oifigeil le Comhairle nan Eilean Siar mu na planaichean a dh'aithghearr.

Thuirt Joe Mac a' Phì bho Roinn Leasachaidh na Comhairle: "Tha sinn toilichte gu bheil iad air soilleireachadh a thoirt seachad air an rud a tha iad am beachd a dhèanamh agus gur ann aig fìor àrd-ìre - ìre còig rionnagan, mar a chanas iad - a tha iad a' toirt seachad an t-seirbheis anns a' Chaisteil."

Thuirt e nach deach gnothaichean aontachadh fhathast, ged a chaidh còmhraidhean a chumail leis a' chompanaidh.

Iomagain

Nochd draghannan mun phròiseict air a' mhìos a chaidh seachad agus daoine a' smaoineachadh gur e seòmraichean far am bi daoine ag ullachadh an cuid bidhe fhèin a bhathar an dùil a chur an sàs.

Bha luchd-gnìomhachais ionadail iomagaineach gun toireadh sin buaidh orra-san agus na h-uimhir de dh'àiteachan "self-catering" air an eilean mar-thà.

Ach, tha coltas gur e àiteachan-fuirich eadar-dhealaichte air a bheilear ag amas.

"An rud a tha iad am beachd a dhèanamh, 's e "seviced apartments" as motha a th' ann," thuirt Mgr Mac a' Phì.

Seirbheis

A bharrachd air rumannan aig àrd-ìre, thathar ag amas air seirbheis aig àrd-ìre.

"Tha fhios againn, anns a' mhargaidh air feadh Breatainn 's air feadh na Roinn Eòrpa, gur e roinn dhan mhargaidh a tha seo far a bheil fàs, agus far a bheil fìor chothrom," dh'innis Mgr Mac a' Phì.

"Tha sinne ag iarraidh gum biodh an cothrom a tha seo anns na h-Eileanan."

Tha coltas gu bheil Caisteal Leòdhais a' freagairt air feallsanachd na companaidh - a thaobh na h-àrainneachd, na coimhearsnachd agus an suidheachadh iomallach.

Mar sin, tha a' Chomhairle agus Natural Retreats mothachail gu bheil cothrom air leth aca gus fàs a thoirt air gnìomhachas an turasachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile