Dùil ri fios mu ath-sgrùdadh drabastachd

  • 18 Am Màrt 2014
Cille Chuimein Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Bha seann sgoil Abaid Chille Chuimein am measg làraichean far an deach ionnsaighean drabasta a dhèanamh, a rèir aithrisean.

Thèid fiosrachadh mu ath-sgrùdadh air an dòigh anns am bi an Eaglais Chaitligeach a' dèiligeadh ri aithrisean mu dhrabastachd fhoillseachadh Dimàirt.

Cumaidh am fear a bhios os cionn an ath-sgrùdaidh coinneamh naidheachd ann an Dùn Èideann far an innis e, airson a' chiad uair, dè na cùisean a thèid a rannsachadh agus cò a bheir taic dha.

Nochd grunn sgainnealan an-uiridh mu dhrabastachd anns an Eaglais Chaitligich.

Bha aithrisean ann mu ionnsaighean air cloinn ann an seann sgoil Abaid Chille Chuimein, agus thàinig air a' Chardanal Keith O' Brien a dhreuchd a leigeil dheth nuair a chaidh fàgail air gun robh e air a bhith ri dol a-mach mì-iomchaidh le sagairtean òga.

Chaidh fhoillseachadh anns an Dùbhlachd gur e Anndra MacIllialain, a bha roimhe na Mhodaràtar air Eaglais na h-Alba, a bhiodh os cionn an ath-sgrùdaidh.

Innnsidh e an-diugh mu na11 choimiseanaran eile a bhios ga chuideachadh agus dè na gnothaichean ris an tèid coimhead.