Iomairt "nas deimhinniche" a dhìth bho "Nas Fheàrr Còmhla"

Teàrlach Ceanadach Tha Teàrlach Ceanadach air draghan a' nochdadh mu theachdaireachd agus susbaint na h-iomairt "Nas Fheàrr Còmhla".

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha seann cheannard nan Lib-Deamach, Teàrlach Ceanadach, air a ràdh gum feum teachdaireachd "nas deimhinniche" a bhith aig luchd-taic an Aonaidh san deasbad mu neo-eisimeileachd.

Thuirt am Ball-Pàrlamaid Gàidhealach cuideachd gum bu chòir dha na pàrtaidhean a tha a' cur taic ris an Aonadh plana airson tuilleadh fèin-riaghlaidh do dh'Alba aontachadh ron referendum san t-Sultain.

Ann an òraid a' comharrachadh deireadh ùine mar Reachdaire air Oilthigh Ghlaschu, tha Teàrlach Ceanadach air draghan a' nochdadh mu theachdaireachd agus susbaint na h-iomairt "Nas Fheàrr Còmhla".

Thuirt e gu bheil e cudromach gu bheil an fheadhainn a tha a' cur taic ris an Aonadh a' dèanamh argamaid airson sin, an àite a bhith ag argamaid an aghaidh neo-eisimeileachd a-mhàin.

Mìneachadh

Feumar mìneachadh, thuirt e, carson a bu chòir do dh'Albannaich a bhith a' bhòtadh airson fuireach taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt e cuideachd nach bu chòir do luchd an Aonaidh a bhith a' cur fàilte air doch naidheachdan mu staid na h-eaconamaidh Albannaich no airgead na h-ola.

Tha Mgr Ceanadach cuideachd den bheachd gum faodadh òraidean le ministearan an Riaghaltais Bhreatannaich cron a dhèanamh air an iomairt ann an Alba.

Bha e a' bruidhinn gu sònraichte mu na bh' aig an t-Seansalar, Seòras Osborne, ri ràdh mun airgead a dh'fhaodadh Alba neo-eisimeileach a bhith a' cleachdadh.

Thuirt Mgr Ceanadach gur dòcha gum biodh daoine air an cur dheth le sin, 's gun robh e cudromach gum biodh "Nas Fheàrr Còmhla" a' togail "nan ceistean as cudromaiche mu dheidhinn neo-eisimeileachd" ann an dòigh nach dèanadh dì-meas air an luchd-bhòtaidh Albannach.

Daibhidh Camshron Thuirt am Prìomhaire gum faodadh barrachd chumhachdan a bhith a' tighinn a Dhùn Èideann, nam bhòtadh Albannaich an aghaidh neo-eisimeileachd.
Cumhachdan

Bhruidhinn Mgr Ceanadach cuideachd air na dh'fhaodadh tachairt nan deadh bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd, ag ràdh gum feumadh barrachd chumhachadan a bhith aig Pàrlamaid na h-Alba.

A' bruidhinn ann an Dùn Èideann Dihaoine, thuirt am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, gum faodadh barrachd chumhachdan a bhith a' tighinn a Dhùn Èideann, nam bhòtadh Albannaich an aghaidh neo-eisimeileachd.

Aig an ìre seo, chan eil aonta gu bhith eadar na trì pàrtaidhean a tha airson an Aonaidh ron referendum. An àite sin, thathar a' tuigsinn gum bi na pàrtaidhean fa-leth a' feuchainn ri molaidhean a chur dha na manifestothan aca airson an taghaidh ann an 2015.

Ann am beachd Mhgr Cheanadaich, chan e sin an dòigh as fheàrr dèiligeadh ris a' chùis, 's esan ag ràdh gum feumar aonta a ruighinn agus plana nas soilleire fhoillseachadh ron referendum as t-Fhoghar.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.