Iomairt thaigh-òsta Cholbhasa air faileachadh

  • 17 Am Màrt 2014
Airgead
Image caption Bha a' choimhearsnachd den bheachd gum biodh e ceàrr airgead a thogail a bharrachd air an luach a chuireadh air an taigh-òsta le neach-measaidh.

Dh'fhailich air oidhirp muinntir Cholbhasa taigh-òsta an eilein a cheannach don choimhearsnachd seach gun robh am fear a tha ga reic ag iarraidh prìs nach b' urrainn dom choimhearsnachd a phàigheadh.

Chuir Ailig Howard an taigh-òsta agus bàr air a' mhargaidh air beagan is £500,000 an-uiridh.

'S ann san Òban a tha an taigh-seinnse as fhaisge air Colbhasa - dà uair 's fichead mionaid air falbh thar an aiseig - no 15 mionaid air falbh ann a plèana a dh'Ìle.

Tha dragh am measg nan eileanach, ma dhùineas an taigh-òsta, gun toir sin droch bhuaidh air eaconamaidh an eilein, a tha gu mòr a' crochadh air turasachd.

Dh'fheuch iad ris a cheannach, ach bha Mgr Howard ag iarraidh £125,000 a bharrachd na an luach a chaidh a chur air le neach-measaidh, agus bha a' choimhearsnachd an aghaidh a bhith a' togail airgid a bharrachd air an luach sin.

Tha muinntir an eilein ag ràdh gur e a bhith a' cumail an taigh-òsta fosgailte an rud as cudromaiche dhaibh.